Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 23:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’èirich Abrahàm suas o làthair a mhairbh, agus labhair e ri mic Het, ag ràdh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus ghin Canàan Sìdon a chiad-ghin, agus Het,

Agus na Hitich, agus na Peridsich, agus na Rephaimich,

Agus fhreagair mic Het Abrahàm, ag ràdh ris,

Agus dh’èirich Abrahàm suas, agus chrom e e fhèin do mhuinntir na tìre, eadhon do mhic Het.

An t‑achadh a cheannaich Abrahàm o mhic Het: ann an sin dh’adhlaiceadh Abrahàm, agus Sàrah a bhean.

Agus thubhairt Rebecah ri Isaac, Tha mi sgìth dem bheatha airson nigheanan Het: ma ghabhas Iàcob bean de nigheanan Het, mar iadsan a tha de nigheanan na dùthcha, ciod am math a nì mo bheatha dhòmhsa?

Anns an uaimh a tha ann an achadh Mhachpelah, a tha fa chomhair Mhamre, ann an tìr Chanàain, a cheannaich Abrahàm maille ris an achadh o Ephron an t‑Hiteach, mar sheilbh àit-adhlaic.

Uriah an t‑Hiteach: seachd-deug ar fhichead uile.

An sin fhreagair Daibhidh, agus thubhairt e ri Ahimelech an Hiteach, agus ri Abisai mac Sheruiah, bràthair Ioaib, ag ràdh, Cò a thèid sìos maille riumsa a dh’ionnsaigh Shauil don champ? Agus thubhairt Abisai, Thèid mise sìos maille riut.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan