Agus fhuair Sàrah bàs ann an Ciriat-arba; is e sin Hebron an tìr Chanàain: agus thàinig Abrahàm a dhèanamh tuiridh airson Shàrah, agus a chaoidh air a son.
Agus dh’atharraich Abram a bhùth, agus thàinig e agus ghabh e còmhnaidh ann an còmhnard Mhamre, a tha ann an Hebron, agus thog e an sin altair don Tighearna.
Agus thug Isaac i do bhùth Shàrah a mhàthair, agus ghabh e Rebecah, agus bha i aige na mnaoi: agus ghràdhaich e i: agus fhuair Isaac sòlas an dèidh bàs a mhàthar.
Agus dh’fhuathaich Esau Iàcob airson a’ bheannachaidh leis an do bheannaich a athair e: agus thubhairt Esau na chridhe, Tha làithean a’ bhròin airson m’athar am fagas, agus an sin marbhaidh mi mo bhràthair Iàcob.
Agus thubhairt e ris, Imich, guidheam ort, faic a bheil do bhràithrean gu math, agus a bheil an treud gu math; agus thoir fios am ionnsaigh a‑rìs. Mar sin chuir e a‑mach e à gleann Hebroin, agus thàinig e gu Sechem.
Agus thàinig iad gu ùrlar-bualaidh Ataid, a tha an taobh thall de Iòrdan; agus rinn iad bròn an sin le caoidh mhòir agus ro‑chràitich: agus rinn e bròn airson a athar seachd làithean.
Agus rinn iad caoidh, agus ghuil iad, agus thraisg iad gu feasgar, airson Shauil, agus airson a mhic Ionatan, agus airson sluagh an Tighearna, agus airson taigh Israeil, do bhrìgh gun do thuit iad leis a’ chlaidheamh.
Agus thàinig uile sheanairean Israeil a dh’ionnsaigh an rìgh gu Hebron, agus rinn rìgh Daibhidh coicheangal riu ann an Hebron am fianais an Tighearna: agus dh’ung iad Daibhidh na rìgh air Israel.
Ann an Hebron rìghich e os cionn Iùdah seachd bliadhna agus sia mìosan; agus ann an Ierusalem rìghich e trì-bliadhna-deug ar fhichead os cionn Israeil uile agus Iùdah.
Agus rinn Ieremiah tuireadh airson Iosiah: agus labhair na fir-sheinn agus na mnathan-seinn uile mu thimcheall Iosiah nan tuiridhean gu ruig an là‑an‑diugh, agus rinn iad iad nan reachd ann an Israel. Agus, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar nan tuireadh.
Agus a‑thaobh nam bailtean beaga nam fearann, chòmhnaich cuid de mhic Iùdah ann an Ciriat-arba agus na bhailtean beaga, agus ann an Dibon agus na bhailtean beaga, agus ann an Iecabseel agus na bhailtean beaga,
Na guilibh airson a’ mhairbh, cha mhò a nì sibh caoidh air a shon: guilibh gu goirt air a shon-san a dh’imich air falbh: oir cha till e nas mò, agus chan fhaic e tuilleadh tìr a dhùthchais.
Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna mu thimcheall Iehoiacim mhic Iosiah rìgh Iùdah, Cha dèan iad caoidh air a shon, ag ràdh, Och mo bhràthair! no, Och mo phiuthar! Cha dèan iad caoidh air a shon, ag ràdh, Och a thighearna! no, Och a ghlòir-san!
Agus chaidh iad suas mu dheas, agus thàinig iad gu Hebron, far an robh Ahiman, Sesai, agus Talmai, mic Anaic. (A‑nis thogadh Hebron seachd bliadhna ro Shòan anns an Eiphit.)
Agus nuair a chunnaic an co‑chruinneachadh uile gun d’fhuair Aaron bàs, rinn iad bròn airson Aaroin deich làithean ar fhichead, eadhon taigh Israeil uile.
An sin na h‑Iùdhaich a bha maille rithe anns an taigh, agus a’ toirt comhfhurtachd dhi, nuair a chunnaic iad Muire, gun d’èirich i gu grad, agus gun deachaidh i a‑mach, lean iad i, ag ràdh, Tha i a’ dol a‑chum na h‑uaighe, a chaoineadh an sin.
Agus ghuil clann Israeil airson Mhaois ann an còmhnardan Mhòaib deich làithean ar fhichead: mar seo chrìochnaicheadh làithean a’ ghuil agus a’ bhròin airson Mhaois.
Agus ghlac e e, agus a rìgh, agus a bhailtean uile, agus bhuail iad iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus lèirsgrios iad gach anam a bha ann; cha d’fhàg e aon air bith beò: mar a rinn e ri Hebron, mar sin rinn e ri Debir agus ra rìgh: agus mar a rinn e ri Libnah, agus ra rìgh.
Agus do Chàleb mac Iephuneh, thug e roinn am measg chloinn Iùdah, a rèir àithne an Tighearna do Iosua, eadhon baile Arbah, athair Anaic: (is e sin Hebron).
Agus chuir iad air leth Cedes ann an Galilee ann an sliabh Naphtali, agus Sechem ann an sliabh Ephraim, agus Ciriat-arba (eadhon Hebron), ann an sliabh Iùdah.
Agus chaidh Iùdah an aghaidh nan Canàanach a bha a chòmhnaidh ann an Hebron, (a‑nis b’e ainm Hebroin roimhe Ciriat-arba,) agus mharbh iad Sesai, agus Ahiman, agus Talmai.
Oir cho fada is a bhios mac Iese beò air an talamh, cha daingnichear thusa no do rìoghachd: uime sin a‑nis cuir fios air, agus thoir am ionnsaigh e, oir gu cinnteach gheibh e bàs.
Agus fhuair Samuel bàs: agus chruinnich na h‑Israelich uile an ceann a chèile, agus rinn iad caoidh air a shon, agus dh’adhlaic iad e na thaigh ann an Ramah. Agus dh’èirich Daibhidh, agus chaidh e sìos gu fàsach Pharain.
A‑nis fhuair Samuel bàs, agus rinn Israel uile caoidh air a shon, agus dh’adhlaic iad e ann an Ramah, na bhaile fhèin: agus chuir Saul air falbh iadsan aig an robh leannain-shìdh, agus na fiosaichean, as an tìr.