Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 23:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus an dèidh sin dh’adhlaic Abrahàm Sàrah a bhean, ann an uaimh achadh Mhachpelah, fa chomhair Mhamre: is e sin Hebron ann an tìr Chanàain.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Daingeann do Abrahàm mar sheilbh, ann an làthair clann Het, am fianais gach neach a chaidh a‑steach air geata a bhaile-san.

Agus rinneadh an t‑achadh, agus an uaimh a tha ann, daingeann do Abrahàm mar sheilbh àit-adhlaic le mic Het.

Am fallas do ghnùise ithidh tu aran, gus an till thu a dh’ionnsaigh na talmhainn; oir aisde thugadh thu: oir is duslach thu, agus gu duslach tillidh tu.

Agus thubhairt e ris, Imich, guidheam ort, faic a bheil do bhràithrean gu math, agus a bheil an treud gu math; agus thoir fios am ionnsaigh a‑rìs. Mar sin chuir e a‑mach e à gleann Hebroin, agus thàinig e gu Sechem.

Ach laighidh mi maille rim athraichean, agus giùlainidh tu mi a‑mach as an Eiphit, agus adhlaicidh tu mi nan àit-adhlaic-san. Agus thubhairt esan, Nì mi mar a thubhairt thu.

Oir ghiùlain a mhic e do thìr Chanàain, agus dh’adhlaic iad e ann an uaimh achadh Mhachpelah, a cheannaich Abrahàm maille ris an achadh mar sheilbh àit-adhlaic, o Ephron an t‑Hiteach, fa chomhair Mhamre.

Agus ghabh Iòseph mionnan de chloinn Israeil, ag ràdh, Amhaircidh Dia gu cinnteach oirbhse, agus giùlainidh sibh mo chnàmhan-sa suas as a seo.

Oir tha fhios agam gun toir thu mi gu bàs, agus a‑chum an taighe a dh’òrdaicheadh do gach uile bheò.

Mar an ceudna, nuair a bhios eagal orra ro nì àrd, agus a bhios uamhasan anns an t‑slighe, agus a bhios a’ chraobh-almoin fo bhlàth, agus a bhios an leumnach uaine na eallaich, agus a theirgeas miann; a chionn gu bheil an duine a’ triall da chòmhnaidh bhuan, agus gu bheil an luchd-cumhaidh a’ dol mun cuairt anns na sràidean;

An sin tillidh an duslach a‑chum na talmhainn mar a bha e; agus tillidh an spiorad a‑chum Dhè, a thug uaithe e.

Ma ghineas duine ceud leanabh, agus gum bi e beò iomadh bliadhna, air chor is gum bi làithean a bhliadhnachan lìonmhor, agus nach sàsaichear a anam le math, agus mar an ceudna nach bi adhlacadh aige, is fheàrr, tha mi ag ràdh, torrachas anabaich na e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan