Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 23:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rinneadh achadh Ephroin, a bha ann am Machpeleh, a bha fa chomhair Mhamre, an t‑achadh, agus an uaimh a bha ann, agus gach craobh a bha anns an achadh, a bha na chrìch uile mun cuairt,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus rinneadh an t‑achadh, agus an uaimh a tha ann, daingeann do Abrahàm mar sheilbh àit-adhlaic le mic Het.

An t‑achadh a cheannaich Abrahàm o mhic Het: ann an sin dh’adhlaiceadh Abrahàm, agus Sàrah a bhean.

Agus dh’adhlaic a mhic Isaac agus Ismael e ann an uaimh Mhachpelah, ann an achadh Ephroin mhic Shòair an t‑Hiteach, a tha fa chomhair Mhamre;

Ach laighidh mi maille rim athraichean, agus giùlainidh tu mi a‑mach as an Eiphit, agus adhlaicidh tu mi nan àit-adhlaic-san. Agus thubhairt esan, Nì mi mar a thubhairt thu.

Oir ghiùlain a mhic e do thìr Chanàain, agus dh’adhlaic iad e ann an uaimh achadh Mhachpelah, a cheannaich Abrahàm maille ris an achadh mar sheilbh àit-adhlaic, o Ephron an t‑Hiteach, fa chomhair Mhamre.

Gun gabhadh tu e ga chrìch, agus gum b’aithne dhut na ceuman a dh’ionnsaigh a thaighe?

Is math don duine a bhios truacanta agus coingheallach, a riaghlas a ghnothaichean gu ceart,

Feuch, cuiridh mise sibhse a‑mach mar chaoraich am measg mhadadh-allaidh: air an adhbhar sin bithibh-se glic mar na nathraichean, agus neo-chronail mar na calamain.

Agus ghiùlaineadh thairis iad gu Sichem, agus chuireadh iad anns an àit-adhlaic a cheannaich Abrahàm air suim airgid o mhic Emoir, athair Shicheim.

Feuchaibh uime sin gun gluais sibh gu faiceallach, chan ann mar amadain, ach mar dhaoine glice,

Gluaisibh ann an gliocas a‑thaobh na dream sin a tha an leth a‑muigh, ag ath-cheannach na h‑aimsir.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan