Agus dh’èisd Abrahàm ri Ephron, agus thomhais Abrahàm do Ephron an t‑airgead, a dh’ainmich e ann an èisdeachd mic Het, ceithir cheud secel airgid, a ghabhas an ceannaiche.
Agus nuair a thàinig sinn don taigh-òsda, agus a dh’fhosgail sinn ar saic, feuch, bha airgead gach fir am beul a shaic, ar n‑airgead na làn chothrom: agus thug sinn air ais leinn e nar làimh.
Agus dh’àithn e dhaibh, agus thubhairt e riu, Cruinnichear mise a‑chum mo dhaoine: adhlaicibh mi maille rim athraichean anns an uaimh a tha ann an achadh Ephroin an t‑Hiteach;
Oir ghiùlain a mhic e do thìr Chanàain, agus dh’adhlaic iad e ann an uaimh achadh Mhachpelah, a cheannaich Abrahàm maille ris an achadh mar sheilbh àit-adhlaic, o Ephron an t‑Hiteach, fa chomhair Mhamre.
Agus nuair a bheàrr e falt a chinn, (oir b’ann aig ceann gach bliadhna a bheàrr e e; a chionn gu robh e trom air, uime sin bheàrr e e,) chothromaich e falt a chinn aig dà cheud secel, a rèir tomhas an rìgh.
Agus thubhairt an rìgh ri Araunah, Chan eadh: ach gu deimhinn ceannaichidh mi uat iad air luach; agus chan ìobair mi ìobairtean-loisgte don Tighearna mo Dhia den nì sin a gheibh mi an asgaidh. Agus cheannaich Daibhidh an t‑ùrlar-bualaidh agus am buar air lethcheud secel airgid.
Seo bheir iad uapa, gach aon a thèid seachad nam measg-san a dh’àirmhear: leth seceil, a rèir secel an ionaid naoimh: (is e secel fichead gerah:) leth seceil mar thabhartas don Tighearna.
Agus thubhairt mi riu, Ma chìthear ceart dhuibh, thugaibh dhomh mo luach; agus mura faicear, leigibh leis: mar sin thomhais iad airson mo luach, deich-buinn-fhichead airgid.
Uime sin, gach uile nì a bu mhiann leibh daoine a dhèanamh dhuibhse, dèanaibh-se a leithid dhaibhsan mar an ceudna: oir is e seo an lagh agus na fàidhean.
Fa‑dheòidh, a bhràithrean, ge bè nithean a tha fìor, ge bè nithean a tha urramach, ge bè nithean a tha ceart, ge bè nithean a tha fìorghlan, ge bè nithean a tha ion-ghràidh, ge bè nithean a tha ionmholta; ma tha deagh-bheus air bith ann, ma tha moladh air bith ann, smaoinichibh air na nithean sin.
Gun neach air bith a dhèanamh eucoir no mealltaireachd anns a’ chùis air a bhràthair; do bhrìgh gur e an Tighearna a nì dìoghaltas air an uile leithidean sin, a rèir mar a dh’innis sinn mar an ceudna dhuibh roimhe, agus a rinn sinn fianais.