Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 23:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Na biodh e mar sin, mo thighearna, èisd rium: an t‑achadh bheir mi dhut, agus an uaimh a tha ann, bheir mi dhut i; ann an làthair mic mo dhaoine bheir mi dhut i: adhlaic do mharbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus chrom Abrahàm e fhèin sìos an làthair muinntir na tìre.

Daingeann do Abrahàm mar sheilbh, ann an làthair clann Het, am fianais gach neach a chaidh a‑steach air geata a bhaile-san.

Eisd rinne, mo thighearna: is uachdaran cumhachdach thusa nar measg-ne; ann an roghainn ar n‑àiteachan-adhlaic adhlaic do mharbh: cha chùm duine nar measg-ne a àit-adhlaic uat, gud mharbh adhlac ann.

Ach dealbhaidh an duine fial nithean fiala; agus le nithean fiala daingnichear e.

Ge bè a mharbhas neach sam bith, cuirear am mortair gu bàs le beul fhianaisean: ach cha toir aon fhianais teisteas an aghaidh neach sam bith a‑chum a chur gu bàs.

Agus thubhairt e riùsan a bha nan seasamh an làthair, Thugaibh uaithe am punnd, agus thoiribh dhàsan e aig a bheil na deich puinnd;

Aig beul dà fhianais, no trì fianaisean, cuirear gu bàs esan a tha toillteanach air bàs: cha chuirear gu bàs e aig beul aon fhianais.

Chan èirich aon fhianais a‑mhàin suas an aghaidh duine airson eucoir sam bith, no airson peacaidh sam bith, ann am peacadh sam bith a pheacaicheas e: aig beul dà fhianais, no aig beul trì fianaisean daingnichear a’ chùis.

An sin chaidh Bòas suas a dh’ionnsaigh a’ gheata, agus shuidh e sìos an sin: agus, feuch, bha am fear-dàimh mun do labhair Bòas a’ dol seachad, agus thubhairt e ris, Ho, a leithid seo de fhear! Thig a lethtaobh, suidh sìos an seo. Agus thàinig e a lethtaobh, agus shuidh e sìos.

Agus thubhairt an sluagh uile a bha anns a’ gheata, agus na seanairean, Is fianaisean sinn: gun dèanadh an Tighearna a’ bhean a tha a’ teachd a dh’ionnsaigh do thaighe mar Rachel agus mar Lèah, a thog suas le chèile taigh Israeil: agus dèan thusa gu cubhaidh ann an Ephratah, agus bi cliùiteach ann am Betlehem:

Agus smaoinich mi air fios a thoirt dhut, ag ràdh, Ceannaich e am fianais an luchd-àiteachaidh, agus am fianais seanairean mo shluaigh: ma dh’fhuasgaileas tu e, fuasgail e: ach mura fuasgail thu e, innis dhomh, a‑chum gum bi fhios agam: oir chan eil neach air bith ann gu fhuasgladh ach thusa, agus mise ad dhèidh-sa. Agus thubhairt esan, Fuasglaidh mise e.

Agus thubhairt Bòas ris na seanairean agus ris an t‑sluagh uile, Is fianaisean sibhse an‑diugh gun do cheannaich mise gach nì a bu le Elimelech, agus gach nì a bu le Chileon, agus le Mahlon, à làimh Naòmi.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan