Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 23:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha Sàrah beò ceud agus seachd-bliadhna-fichead; b’iad seo bliadhnachan beatha Shàrah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

4 Iomraidhean Croise  

An sin thuit Abrahàm air a aghaidh, agus rinn e gàire, agus thubhairt e na chridhe, Am beirear mac dhàsan a tha ceud bliadhna a dh’aois? Agus am beir Sàrah, a tha deich agus ceithir-fichead bliadhna a dh’aois, mac?

Agus a choileabach dom b’ainm Reumah, rug ise mar an ceudna Tebah, agus Gaham, agus Tahas, agus Maachah.

Agus fhuair Sàrah bàs ann an Ciriat-arba; is e sin Hebron an tìr Chanàain: agus thàinig Abrahàm a dhèanamh tuiridh airson Shàrah, agus a chaoidh air a son.

Agus thug Isaac i do bhùth Shàrah a mhàthair, agus ghabh e Rebecah, agus bha i aige na mnaoi: agus ghràdhaich e i: agus fhuair Isaac sòlas an dèidh bàs a mhàthar.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan