Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 22:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig iad don àit a dh’innis Dia dha, agus thog Abrahàm altair an sin, agus chuir e am fiodh an òrdagh; agus cheangail e a mhac Isaac, agus chuir e air an altair e air uachdar an fhiodha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin do Abram, agus thubhairt e, Dod shliochd-sa bheir mise am fearann seo: agus thog e an sin altair don Tighearna, a dh’fhoillsicheadh dha.

Agus chaidh e as a sin gu sliabh air an taobh an ear de Bhetel, agus shuidhich e a bhùth, agus Betel aige air an taobh an iar, agus Hai air an taobh an ear: agus thog e an sin altair don Tighearna, agus ghairm e air ainm an Tighearna.

Agus dh’atharraich Abram a bhùth, agus thàinig e agus ghabh e còmhnaidh ann an còmhnard Mhamre, a tha ann an Hebron, agus thog e an sin altair don Tighearna.

Agus shìn Abrahàm a‑mach a làmh, agus ghabh e an sgian a mharbhadh a mhic.

Agus thubhairt Abrahàm, Gheibh Dia, a mhic, uan dha fhèin airson tabhartais-loisgte. Mar sin dh’imich iad cuideachd le chèile.

Agus thog Nòah altair don Tighearna, agus ghabh e de gach ainmhidh glan, agus de gach eun glan, agus thug e suas tabhartasan-loisgte air an altair.

Agus shuidhich e an connadh, agus gheàrr e an tarbh òg na mhìrean agus chuir e air a’ chonnadh e.

Is e Dia as Tighearna ann, agus dhealraich e oirnn; ceanglaibh an ìobairt le cùird, eadhon ri adhaircean na h‑altarach.

Agus air dhaibh esan a cheangal, thug iad leo e, agus thug iad thairis e do Phontius Pilat, an t‑uachdaran.

Agus air ball anns a’ mhadainn chùm na h‑àrd-shagartan maille ris na seanairean agus na sgrìobhaichean, agus a’ chomhairle gu h‑iomlan, comhairle, agus air dhaibh Iosa a cheangal, thug iad leo e, agus thug iad thairis e do Philat.

A’ chuibhreann den sgriobtar a bha e a’ leughadh, b’i seo i: Thugadh e mar chaora a‑chum marbhaidh; agus mar uan a tha na thosd am fianais an fhir-lomairt, mar sin cha d’fhosgail e a bheul:

Shaor Crìosd sinne o mhallachadh an lagha, air dha a bhith air a dhèanamh na mhallachadh air ar son: oir tha e sgrìobhte, Is mallaichte gach aon a chrochar air crann:

Agus gluaisibh ann an gràdh, eadhon mar a ghràdhaich Crìosd sinne, agus a thug e e fhèin air ar son, na thabhartas agus na ìobairt deagh-fhàile do Dhia.

Mar sin thugadh Crìosd suas aon uair a thoirt air falbh peacaidhean mhòran; ach an dara uair as eugmhais peacaidh foillsichear e dhaibh-san aig a bheil sùil ris, a‑chum slàinte.

Nach deachaidh ar n‑athair Abrahàm fhìreanachadh le obraichean nuair a thug e suas a mhac Isaac air an altair?

Neach a ghiùlain ar peacaidhean e fhèin na chorp fhèin air a’ chrann, a‑chum air dhuinn a bhith marbh don pheacadh, gum bitheamaid beò do fhìreantachd: neach le a bhuillean a tha sibh air ur tèarnadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan