Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 22:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghabh Abrahàm fiodh an tabhartais-loisgte, agus chuir e e air muin a mhic Isaac; agus ghabh e na làimh an teine, agus an sgian; agus dh’imich iad le chèile cuideachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Abrahàm ra òganaich, Fanaibh-se an seo maille ris an asal; agus thèid mise agus an gille gu ruige siud, agus nì sinn adhradh, agus thig sinn a‑rìs dur n‑ionnsaigh.

Agus thubhairt Eliah ris, Fan, guidheam ort, an seo: oir chuir an Tighearna mise gu Iòrdan. Agus thubhairt esan, Mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam, chan fhàg mi thu. Agus chaidh iad nan dithis air an aghaidh.

Chaidh sinne uile, mar chaoraich, air seachran; thionndaidh sinn, gach aon ga shlighe fhèin; agus leag an Tighearna airsan aingidheachd gach aon dhinn.

A‑chum gun coileante an nì a labhradh le Esaias am fàidh, ag ràdh, Ghabh esan ar n‑anfhainneachdan air fhèin, agus ghiùlain e ar n‑easlaintean.

Agus chaidh e a‑mach a’ giùlan a chroinn-cheusaidh, don ionad den goirear àit a’ chlaiginn, don ainm anns an Eabhra, Golgota.

Neach a ghiùlain ar peacaidhean e fhèin na chorp fhèin air a’ chrann, a‑chum air dhuinn a bhith marbh don pheacadh, gum bitheamaid beò do fhìreantachd: neach le a bhuillean a tha sibh air ur tèarnadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan