Agus thubhairt Abrahàm ra òganaich, Fanaibh-se an seo maille ris an asal; agus thèid mise agus an gille gu ruige siud, agus nì sinn adhradh, agus thig sinn a‑rìs dur n‑ionnsaigh.
Mar sin thill Abrahàm a dh’ionnsaigh a òganach: agus dh’èirich iad suas, agus chaidh iad cuideachd gu Beer-sèba: agus ghabh Abrahàm còmhnaidh aig Beer-sèba.
Agus ghabh Abrahàm fiodh an tabhartais-loisgte, agus chuir e e air muin a mhic Isaac; agus ghabh e na làimh an teine, agus an sgian; agus dh’imich iad le chèile cuideachd.
Agus thubhairt e ris na seanairean, Fanaibh-se rinn an seo, gus an till sinn dur n‑ionnsaigh. Agus, feuch, tha Aaron agus Hur maille ribh: esan aig am bi cùis sam bith, thigeadh e dan ionnsaigh-san.
Uime sin, air dhuinne a bhith air ar cuartachadh le neul cho mòr de fhianaisean, cuireamaid dhinn gach cudthrom, agus am peacadh a tha gu furasda ag iadhadh umainn, agus ruitheamaid le foighidinn an rèis a chuireadh romhainn,