Agus dh’èirich Abrahàm gu moch anns a’ mhadainn, agus dh’uidheamaich e a asal, agus ghabh e dithis de a òganaich maille ris, agus a mhac Isaac; agus sgoilt e fiodh airson an tabhartais-loisgte, agus dh’èirich e suas, agus chaidh e don àit a dh’innis Dia dha.
Agus thubhairt Abrahàm ra òganaich, Fanaibh-se an seo maille ris an asal; agus thèid mise agus an gille gu ruige siud, agus nì sinn adhradh, agus thig sinn a‑rìs dur n‑ionnsaigh.
Till, agus abair ri Heseciah, ceannard mo shluaigh, Mar seo tha an Tighearna, Dia Dhaibhidh d’athair, ag ràdh, Chuala mise d’ùrnaigh, chunnaic mi do dheòir: feuch, slànaichidh mi thu; air an treas là thèid thu suas do thaigh an Tighearna.
A‑nis an treas là chuir Ester oirre a culaidh rìoghail, agus sheas i anns a’ chùirt a b’fhaide a‑staigh de thaigh an rìgh, fa chomhair taigh an rìgh: agus bha an rìgh na shuidhe air a rìgh-chathair anns an taigh rìoghail, fa chomhair geata an taighe.
Mar sin thug Maois Israel on mhuir ruaidh, agus chaidh iad a‑mach gu fàsach Shuir, agus dh’imich iad trì làithean anns an fhàsach, agus cha d’fhuair iad uisge.
Agus thubhairt iad, Dh’fhoillsich Dia nan Eabhraidheach e fhèin dhuinne: leig leinn, guidheamaid ort, dol astar trì làithean don fhàsach, a‑chum is gun ìobair sinn don Tighearna ar Dia, air eagal gum buail e sinn le plàigh, no leis a’ chlaidheamh.
Agus dh’imich iad o shliabh an Tighearna astar trì làithean: agus chaidh àirc coicheangal an Tighearna romhpa astar trì làithean, a rannsachadh a‑mach àite-tàimh dhaibh.
Glanaidh e e fhèin leis air an treas là, agus air an t‑seachdamh là bidh e glan: ach mura glan e e fhèin air an treas là, an sin air an t‑seachdamh là cha bhi e glan.
Agus crathaidh an duine glan air an neòghlan air an treas là, agus air an t‑seachdamh là; agus glanaidh e e fhèin air an t‑seachdamh là, agus nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e glan air feasgar.
Agus fanaibh-se an taobh a‑muigh den champ seachd làithean: ge bè a mharbh neach air bith, agus ge bè a bhean ri neach a mharbhadh, glanaibh sibh fhèin agus ur braighdean air an treas là, agus air an t‑seachdamh là;
Agus thubhairt e riu, Imichibh agus innsibh don t‑sionnach sin, Feuch, tha mi a’ tilgeadh a‑mach dheamhan, agus tha mi a’ dèanamh leigheas an‑diugh agus a‑màireach, agus air an treas là bidh mi air mo dhèanamh foirfe.
Rachaibh tron champ, agus àithnibh don t‑sluagh, ag ràdh, Deasaichibh dhuibh fhèin lòn: oir an ceann trì làithean thèid sibh thar Iòrdan seo, a dhol a‑steach a shealbhachadh na tìre a tha an Tighearna ur Dia a’ toirt dhuibh ra sealbhachadh.