Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 22:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’èirich Abrahàm gu moch anns a’ mhadainn, agus dh’uidheamaich e a asal, agus ghabh e dithis de a òganaich maille ris, agus a mhac Isaac; agus sgoilt e fiodh airson an tabhartais-loisgte, agus dh’èirich e suas, agus chaidh e don àit a dh’innis Dia dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus ghabh Abrahàm Ismael a mhac, agus iadsan uile a rugadh na thaigh, agus iadsan uile a cheannaicheadh le a airgead-san, gach fireannach am measg dhaoine taigh Abrahàim; agus thimcheall-gheàrr e feòil an ro‑chraicinn anns a’ cheart là sin fhèin, mar a thubhairt Dia ris.

Agus dh’èirich Abrahàm suas gu moch anns a’ mhadainn, agus ghabh e aran agus searrag uisge, agus thug e sin do Hàgar, agus chuir e air a gualainn e, agus an leanabh, agus chuir e air falbh i: agus dh’imich i, agus chaidh i air seachran ann am fàsach Bheer-sèba.

Agus beannaichear ann ad shliochd-sa uile chinnich na talmhainn, a chionn gun d’èisd thu rim ghuth.

Agus thubhairt esan, Gabh a‑nis do mhac, d’aon mhac Isaac, as ionmhainn leat, agus rach do thìr Mhoriah; agus thoir suas an sin e mar thabhartas-loisgte air aon de na beanntan a dh’innseas mise dhut.

A‑nis air an treas là thog Abrahàm suas a shùilean, agus chunnaic e an t‑àite fada uaithe.

Rinn mi deifir, agus cha robh mi màirnealach a‑chum d’àitheantan a choimhead.

Ge bè nì a gheibh do làmh ra dhèanamh, dèan e led dhìcheall; oir chan eil obair, no innealachd, no eòlas, no gliocas anns an uaigh, da bheil thu a’ dol.

An tì a ghràdhaicheas athair no màthair nas mò na mise, chan airidh orm e: agus an tì a ghràdhaicheas mac no nighean os mo chionn-sa, chan airidh orm e:

Ma thig neach air bith am ionnsaigh-sa, agus nach fuathaich e a athair, agus a mhàthair, agus a bhean-phòsda, agus a chlann agus a bhràithrean, agus a pheathraichean, seadh, agus a bheatha mar an ceudna, chan eil e an comas dha a bhith na dheisciobal dhòmhsa.

A Mhac fhèin fhoillseachadh annam, a‑chum gun searmonaichinn e am measg nan Cinneach; air ball cha do chuir mi comhairle ri feòil agus fuil:

Tre chreideamh, nuair a ghairmeadh Abrahàm gu dol a‑mach do ionad a bha e gu fhaotainn an dèidh sin mar oighreachd, fhreagair e; agus dh’imich e a‑mach gun fhios a bhith aige càit an robh e a’ dol.

Agus dh’èirich Iosua gu moch anns a’ mhadainn; agus dh’imich iad o Shitim, agus thàinig iad gu Iòrdan, e fhèin agus clann Israeil uile, agus ghabh iad tàmh an sin mun deachaidh iad thairis.

Agus dh’èirich Iosua gu moch anns a’ mhadainn, agus dh’àireamh e an sluagh, agus chaidh e suas, e fhèin agus seanairean Israeil, ron t‑sluagh gu Ai.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan