Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 22:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghin Betuel Rebecah: an ochdnar sin rug Milcah do Nàhor, bràthair Abrahàim.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus ghabh Abram agus Nàhor mnathan dhaibh fhèin: b’e ainm bean Abraim Sàrai; agus ainm bean Nahoir Milcah, nighean Hàrain, athair Mhilcah, agus athair Iscah.

Agus Chesed, agus Hadso, agus Pildas, agus Idlaph, agus Betuel.

Agus a choileabach dom b’ainm Reumah, rug ise mar an ceudna Tebah, agus Gaham, agus Tahas, agus Maachah.

Agus mun do sguir e de labhairt, feuch, thàinig Rebecah a‑mach, a rugadh do Bhetuel, mac Mhilcah, bean Nahoir, bràthair Abrahàim; agus a soitheach air a gualainn.

Agus thubhairt i ris, Is mise nighean Bhetueil, mac Mhilcah, a rug i do Nàhor.

Agus dh’fhiosraich mi dhith, agus thubhairt mi, Cò don nighean thusa? Agus thubhairt ise, Is mi nighean Bhetueil, mac Nahoir, a rug Milcah dha. Agus chuir mi a’ chluas-fhàinne air a h‑aghaidh, agus na làmh-fhailean air a làmhan.

Feuch, tha Rebecah ad làthair; gabh i, agus imich; agus biodh i na mnaoi aig mac do mhaighistir, mar a labhair an Tighearna.

Agus bheannaich iad Rebecah, agus thubhairt iad rithe, Is tu ar piuthar, bi‑sa ad mhàthair mhìltean de mhuilleanan; agus sealbhaicheadh do shliochd geata na muinntir sin leis am fuathach iad.

Agus thug Isaac i do bhùth Shàrah a mhàthair, agus ghabh e Rebecah, agus bha i aige na mnaoi: agus ghràdhaich e i: agus fhuair Isaac sòlas an dèidh bàs a mhàthar.

Agus bha Isaac dà‑fhichead bliadhna a dh’aois nuair a ghabh e Rebecah, nighean Bhetueil, an Sirianach o Phadan-àram, piuthar Làbain an Sirianach, dha fhèin na mnaoi.

Eirich, imich do Phadan-àram, do thaigh Bhetueil, athair do mhàthar, agus gabh dhut fhèin as a sin bean de nigheanan Làbain, bràthair do mhàthar.

Agus chuir Isaac air falbh Iàcob, agus chaidh e do Phadan-àram, gu Làban, mac Bhetueil an Sirianach, bràthair Rebecah, màthair Iàcoib agus Esau.

Agus chan e a‑mhàin seo, ach Rebeca mar an ceudna nuair a rinneadh torrach i o aon, eadhon Isaac ar n‑athair-ne;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan