Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 22:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Has a chiad-ghin, agus Buds a bhràthair, agus Cemuel athair Araim,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus an dèidh nan nithean sin dh’innseadh do Abrahàm, ag ràdh, Feuch, rug Milcah mar an ceudna mic dod bhràthair Nàhor:

Agus Chesed, agus Hadso, agus Pildas, agus Idlaph, agus Betuel.

Agus ghabh an seirbhiseach deich càmhail de chàmhail a mhaighistir, agus dh’fhalbh e; oir bha maoin a mhaighistir uile aige fo a làimh: agus dh’èirich e, agus chaidh e gu Mesopotamia, gu baile Nahoir.

Bha duine ann an tìr Uis dom b’ainm Iob; agus bha an duine sin coileanta agus dìreach, agus na neach air an robh eagal Dhè, agus a sheachainn olc.

Agus las fearg Elihu mhic Bharacheil am Busitheach, de chinneadh Ram; an aghaidh Iob las a fhearg, a chionn gun d’fhìreanaich e e fhèin nas mò na Dia.

Agus do gach uile shluagh eile a tha am measg a chèile, agus do uile rìghrean fearann Uis, agus do uile rìghrean fearann nam Philisteach, agus do Ascelon, agus do Ghasah, agus do Ecron, agus do fhuidheall Asdoid;

Do Dhedan, agus do Thema, agus do Bhus, agus do na h‑uile a tha anns na ceàrnan iomallach;

Agus thog e suas a chosamhlachd, agus thubhairt e, Thug Balac rìgh Mhòaib mise à Aram, o bheanntan na h‑àird an ear, ag ràdh, Thig, mallaich dhòmhsa Iàcob; agus thig, thoir dùbhlan do Israel.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan