Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 22:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt esan, Gabh a‑nis do mhac, d’aon mhac Isaac, as ionmhainn leat, agus rach do thìr Mhoriah; agus thoir suas an sin e mar thabhartas-loisgte air aon de na beanntan a dh’innseas mise dhut.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Dia, Gu cinnteach beiridh do bhean Sàrah mac dhut, agus bheir thu Isaac mar ainm air: agus daingnichidh mise mo choicheangal ris mar choicheangal sìorraidh, agus ra shliochd na dhèidh.

Agus thubhairt Dia ri Abrahàm, Na biodh e doilgheasach ad shùilean airson an òganaich, agus airson do bhan-tràille; a‑thaobh gach nì a thubhairt Sàrah riut, èisd ra guth; oir is ann an Isaac a dh’ainmichear dhutsa sliochd.

Agus thug Abrahàm Isaac mar ainm air a mhac a rugadh dha, a rug Sàrah dha.

Agus thubhairt e, Na leag do làmh air a’ ghille, agus na dèan nì sam bith air: oir a‑nis tha mi fiosrach gu bheil eagal Dhè ort, do bhrìgh nach do chùm thu do mhac, eadhon d’aon mhac, uamsa.

Agus thubhairt e, Orm fhèin mhionnaich mi, arsa an Tighearna, a chionn gun do rinn thu an nì seo, agus nach do chùm thu uam do mhac, eadhon d’aon mhac;

Agus dh’èirich Abrahàm gu moch anns a’ mhadainn, agus dh’uidheamaich e a asal, agus ghabh e dithis de a òganaich maille ris, agus a mhac Isaac; agus sgoilt e fiodh airson an tabhartais-loisgte, agus dh’èirich e suas, agus chaidh e don àit a dh’innis Dia dha.

Agus thàinig iad don àit a dh’innis Dia dha, agus thog Abrahàm altair an sin, agus chuir e am fiodh an òrdagh; agus cheangail e a mhac Isaac, agus chuir e air an altair e air uachdar an fhiodha.

Agus thog Nòah altair don Tighearna, agus ghabh e de gach ainmhidh glan, agus de gach eun glan, agus thug e suas tabhartasan-loisgte air an altair.

An sin ghabh e a chiad-ghin mic, a bha gu rìoghachadh na àite, agus dh’ìobair e e mar ìobairt-loisgte air a’ bhalla: agus bha corraich mhòr an aghaidh Israeil: agus dh’imich iad uaithe, agus thill iad dan tìr fhèin.

Agus thòisich Solamh air togail taigh an Tighearna ann an Ierusalem air sliabh Mhoriah, far an d’fhoillsicheadh an Tighearna do Dhaibhidh a athair, anns an àit a dh’ullaich Daibhidh ann an ùrlar-bualaidh Ornain an t‑Iebusach.

Am bi an Tighearna toilichte le mìltean de reitheachan, le deich mìltean de shruthan ola? An toir mi mo chiad-ghin airson mo chionta; toradh mo chuirp airson cionta m’anama?

Oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gun tug e a aon-ghin Mhic fhèin, a‑chum is ge bè neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gum bi a’ bheatha shìorraidh aige.

Ach tha Dia a’ moladh a ghràidh fhèin dhuinne, do bhrìgh nuair a bha sinn fhathast nar peacaich gun d’fhuiling Crìosd bàs air ar son.

An tì nach do chaomhain a Mhac fhèin, ach a thug thairis e air ar son-ne uile, cionnas maille ris-san nach toir e mar an ceudna dhuinn gu saor na h‑uile nithean?

Tre chreideamh dh’ìobair Abrahàm, air dha a bhith air a dhearbhadh, a mhac Isaac; agus thug an tì a fhuair na geallaidhean suas a aon-ghin mhic;

An sin tàrlaidh, ge bè nì a thig a‑mach à dorsan mo thaighe am choinneamh, nuair a thilleas mi ann an sìth o chloinn Amoin, gu cinnteach gur leis an Tighearna e, agus ìobraidh mi e dha na ìobairt-loisgte.

Agus ann an ceann dà mhìos, thill i a dh’ionnsaigh a h‑athar, agus rinn e rithe a rèir a bhòide a bhòidich e: agus cha robh aithne aice air fear. Agus bha e na ghnàth ann an Israel,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan