Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 22:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e, Orm fhèin mhionnaich mi, arsa an Tighearna, a chionn gun do rinn thu an nì seo, agus nach do chùm thu uam do mhac, eadhon d’aon mhac;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus nì mi thu ad chinneach mòr, agus beannaichidh mi thu, agus nì mi d’ainm mòr: agus bidh tu ad bheannachadh.

Agus thubhairt e, Na leag do làmh air a’ ghille, agus na dèan nì sam bith air: oir a‑nis tha mi fiosrach gu bheil eagal Dhè ort, do bhrìgh nach do chùm thu do mhac, eadhon d’aon mhac, uamsa.

Agus ghlaodh aingeal an Tighearna ri Abrahàm an dara uair o nèamh,

Agus thubhairt esan, Gabh a‑nis do mhac, d’aon mhac Isaac, as ionmhainn leat, agus rach do thìr Mhoriah; agus thoir suas an sin e mar thabhartas-loisgte air aon de na beanntan a dh’innseas mise dhut.

Bi air chuairt anns an tìr seo, agus bidh mise maille riut, agus beannaichidh mi thu: oir dhutsa, agus dod shliochd, bheir mise na dùthchannan sin uile, agus coileanaidh mi na mionnan a mhionnaich mi dod athair Abrahàm:

Do bhrìgh gun d’èisd Abrahàm rim ghuth, agus gun do ghlèidh e m’iarrtas, m’àitheantan, m’òrdaighean, agus mo laghannan.

A rinn e ri Abrahàm, agus a mhionnan do Isaac:

A rinn e ri Abrahàm, agus a mhionnan do Isaac;

Oir thubhairt e, Do bhrìgh gun do mhionnaich an Tighearna gum bi cogadh aig an Tighearna ri Amalec o linn gu linn.

Agus chuala Dia an osnaich, agus chuimhnich Dia a choicheangal ri Abrahàm, ri Isaac, agus ri Iàcob.

Cuimhnich air Abrahàm, Isaac, agus Israel, do sheirbhisich, don tug thu mionnan ort fhèin, agus ris an dubhairt thu, Nì mi ur sliochd lìonmhor mar reultan nèimh, agus am fearann seo uile mun do labhair mi, bheir mi dur sliochd-se, agus sealbhaichidh iad e gu sìorraidh.

Orm fhèin mhionnaich mi; chaidh fìrinn a‑mach as mo bheul; briathar, agus cha till e air ais; gu cinnteach dhòmhsa lùbaidh gach glùn, mionnaichidh gach teanga.

Ach mura toir sibh èisdeachd do na briathran seo, orm fhèin thug mise mionnan, deir an Tighearna, Gu cinnteach nìthear ionad fàs den taigh seo.

Uime sin èisdibh facal an Tighearna, uile Iùdah, a tha a chòmhnaidh ann an tìr na h‑Eiphit: Feuch, mhionnaich mise air m’ainm mòr, deir an Tighearna, nach bi m’ainm nas mò air ainmeachadh ann am beul duine air bith de Iùdah, ann an uile thìr na h‑Eiphit, ag ràdh, Mar as beò an Tighearna Dia.

Oir orm fhèin mhionnaich mise, deir an Tighearna, gum bi Bosrah na lèirsgrios, na mhasladh, na fhàsach, agus na mhallachadh; agus gum bi a uile bhailtean nam fàsaichean sìorraidh.

Thug Tighearna nan sluagh mionnan air fhèin, ag ràdh, Gu deimhinn lìonaidh mi thu le daoine mar gum b’ann le lòcaist, agus togaidh iad suas iolach ann ad aghaidh.

Agus nuair a ghabh mise seachad dlùth dhut, agus a dh’amhairc mi ort, feuch, bha d’aimsir na h‑aimsir ghràidh, agus sgaoil mise mo sgioball os do chionn, agus dh’fhalaich mi do lomnochdaidh: seadh mhionnaich mi dhut, agus thionnsgain mi ann an coicheangal riut, deir an Tighearna Dia, agus bu leamsa thu.

Mhionnaich an Tighearna Iehòbhah air fhèin, tha Iehòbhah, Dia nan sluagh ag ràdh, Is gràin leam òirdheirceas Iàcoib, agus is fuath leam a lùchairtean: uime sin bheir mi seachad am baile, agus gach nì a tha ann.

Coileanaidh tu an fhìrinn do Iàcob, agus an tròcair do Abrahàm, a mhionnaich thu dar n‑athraichean o na làithean o shean.

Na mionnan a mhionnaich e dar n‑athair Abrahàm,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan