Agus thubhairt e, Gu cinnteach tillidh mi ad ionnsaigh a rèir àm na beatha, agus, feuch, bidh mac aig Sàrah do bhean. Agus chuala Sàrah sin ann an doras a’ bhùtha, a bha air a chùl.
Agus thubhairt e, Orm fhèin mhionnaich mi, arsa an Tighearna, a chionn gun do rinn thu an nì seo, agus nach do chùm thu uam do mhac, eadhon d’aon mhac;
An t‑aingeal a shaor mi o gach olc, na leinibh a bheannachadh, agus ainmichear m’ainm-sa orra, agus ainm m’athraichean, Abrahàm agus Isaac: agus mar iasg na mara fàsadh iad lìonmhor ann am meadhon na talmhainn.
Agus dh’fhoillsicheadh aingeal an Tighearna dha ann an lasair theine à meadhon pris; agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha am preas a’ lasadh le teine, ach cha robh am preas air a losgadh.
Orm fhèin mhionnaich mi; chaidh fìrinn a‑mach as mo bheul; briathar, agus cha till e air ais; gu cinnteach dhòmhsa lùbaidh gach glùn, mionnaichidh gach teanga.
An sin cuimhnichidh mise mo choicheangal ri Iàcob, agus mar an ceudna mo choicheangal ri Isaac, agus mar an ceudna mo choicheangal ri Abrahàm cuimhnichidh mi; agus cuimhnichidh mi am fearann.
Anns an là sin dìonaidh an Tighearna luchd-àiteachaidh Ierusaleim; agus bidh esan a tha lag nam measg anns an là sin mar Dhaibhidh; agus taigh Dhaibhidh mar Dhia, mar aingeal an Tighearna nan làthair.
Agus nuair a choileanadh dà‑fhichead bliadhna, dh’fhoillsicheadh dha ann am fàsach beinne Shina, aingeal an Tighearna ann an lasair theine ann am preas.