Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 22:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e, Na leag do làmh air a’ ghille, agus na dèan nì sam bith air: oir a‑nis tha mi fiosrach gu bheil eagal Dhè ort, do bhrìgh nach do chùm thu do mhac, eadhon d’aon mhac, uamsa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

42 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Abrahàm, A chionn gun dubhairt mi annam fhèin, Gu cinnteach chan eil eagal an Tighearna anns an ionad seo; agus marbhaidh iad mi airson mo mhnà.

Agus thog Abrahàm suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, reithe air a chùlaibh an sàs ann am preas air a adhaircean: agus chaidh Abrahàm, agus ghabh e an reithe, agus thug e suas e mar thabhartas-loisgte an àit a mhic.

Agus thubhairt e, Orm fhèin mhionnaich mi, arsa an Tighearna, a chionn gun do rinn thu an nì seo, agus nach do chùm thu uam do mhac, eadhon d’aon mhac;

Agus thubhairt esan, Gabh a‑nis do mhac, d’aon mhac Isaac, as ionmhainn leat, agus rach do thìr Mhoriah; agus thoir suas an sin e mar thabhartas-loisgte air aon de na beanntan a dh’innseas mise dhut.

Do bhrìgh gun d’èisd Abrahàm rim ghuth, agus gun do ghlèidh e m’iarrtas, m’àitheantan, m’òrdaighean, agus mo laghannan.

Agus thubhairt Iòseph riu air an treas là, Dèanaibh seo, agus bithibh beò: oir tha eagal Dhè ormsa:

Ach bha na ciad uachdarain a bha romham trom air an t‑sluagh, agus ghabh iad uapa aran agus fìon, a thuilleadh air dà‑fhichead secel airgid; rinn eadhon an òglaich aintighearnas air an t‑sluagh: ach cha do rinn mise mar sin air eagal Dhè.

Bha duine ann an tìr Uis dom b’ainm Iob; agus bha an duine sin coileanta agus dìreach, agus na neach air an robh eagal Dhè, agus a sheachainn olc.

Agus thubhairt e ris an duine, Feuch, eagal an Tighearna, is e sin gliocas; agus an t‑olc a thrèigsinn, tuigse.

Ann an sia teanntachdan saoraidh e thu, agus anns an t‑seachdamh cha tig olc an gar dhut.

Oir is aithne don Tighearna slighe nam fìrean, ach sgriosar slighe nan aingidh.

Is e eagal an Tighearna toiseach a’ ghliocais; tha deagh thuigse acasan uile a nì a àitheantan-san; mairidh a chliù gu bràth.

Gabhaidh an Tighearna tlachd anntasan don eagal e, a chuireas an dòigh na thròcair.

Dèanaibh seirbhis don Tighearna le eagal, agus dèanaibh gàirdeachas le ball-chrith.

Cò e am fear air a bheil eagal an Tighearna? Seòlaidh e esan anns an t‑slighe a roghnaicheas e.

Tha rùn an Tighearna aig an dream don eagal e, agus foillsichidh e dhaibh a choicheangal.

Agus thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Na biodh eagal oirbh, oir is ann a‑chum ur dearbhadh a thàinig Dia, agus a‑chum gum bi a eagal-san oirbh, air chor is nach peacaich sibh.

Is e eagal an Tighearna tùs an eòlais: air gliocas agus teagasg nì amadain tàir.

Cluinneamaid brìgh na chaidh a ràdh uile: Biodh eagal Dhè ort, agus glèidh a àitheantan; oir is e seo dleasdanas iomlan an duine.

Agus gun do thog iad ionadan àrda Bhàail, a‑chum am mic a losgadh anns an teine, mar thabhartasan-loisgte do Bhàal; nì nach d’àithn mise, cha mhò a labhair mi, cha mhò a thàinig e ann am aire:

Agus nì mi riu coicheangal sìorraidh, nach till mi air falbh uapa, a‑chum math a dhèanamh dhaibh; agus cuiridh mi m’eagal nan cridhe, a‑chum nach dealaich iad rium.

Ach dhuibhse air a bheil eagal m’ainme-sa èiridh Grian na Fìreantachd le slàinte na sgiathan; agus thèid sibh a‑mach, agus fàsaidh sibh suas mar laoigh bhiadhte.

An sin thubhairt Iosa ra dheisciobail, Mas àill le neach air bith teachd am dhèidh-sa, àicheadh e e fhèin, agus togadh e air a chrann-ceusaidh, agus leanadh e mise.

Agus ge bè neach a thrèig taighean, no bràithrean, no peathraichean, no athair, no màthair, no bean-phòsda, no clann, no fearann air sgàth m’ainme-sa, gheibh e a cheud uiread, agus a’ bheatha mhaireannach mar oighreachd.

Guma h‑ann mar sin a dhealraicheas ur solas an làthair dhaoine, a‑chum gum faic iad ur deagh obraichean, agus gun toir iad glòir dur n‑Athair a tha air nèamh.

Oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gun tug e a aon-ghin Mhic fhèin, a‑chum is ge bè neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gum bi a’ bheatha shìorraidh aige.

An sin bha fois aig na h‑eaglaisean tro Iudèa uile, agus Ghalile, agus Shamaria, agus air dhaibh a bhith air an togail suas, agus a’ siubhal ann an eagal an Tighearna, agus ann an comhfhurtachd an Spioraid Naoimh, mheudaicheadh gu mòr iad.

Ach tha Dia a’ moladh a ghràidh fhèin dhuinne, do bhrìgh nuair a bha sinn fhathast nar peacaich gun d’fhuiling Crìosd bàs air ar son.

An tì nach do chaomhain a Mhac fhèin, ach a thug thairis e air ar son-ne uile, cionnas maille ris-san nach toir e mar an ceudna dhuinn gu saor na h‑uile nithean?

Cha do thachair deuchainn air bith ribh, ach nì a tha coitcheann do dhaoine: ach tha Dia dìleas, nach leig dhuibh a bhith air ur feuchainn thar ur comais; ach a nì maille ris an deuchainn slighe gu dol as mar an ceudna, a‑chum gum bi sibh comasach air a giùlan.

Oir ma bhios air tùs inntinn thoileach ann, gabhar ris a rèir mar a tha aig neach, agus chan ann a rèir nan nithean nach eil aige.

A’ meas gum bu chomasach Dia air a thogail eadhon o na mairbh; on d’fhuair e e eadhon ann an samhladh.

Uime sin air dhuinne rìoghachd fhaotainn nach faodar a ghluasad, biodh againn gràs, leis an dèan sinn seirbhis gu taitneach do Dhia, le urram agus eagal diadhaidh:

Ach tha neach àraidh ag ràdh, Tha creideamh agadsa, agus tha obraichean agamsa: nochd dhòmhsa do chreideamh as eugmhais d’obraichean, agus nochdaidh mise dhutsa mo chreideamh lem obraichean.

Agus thàinig guth a‑mach on rìgh-chathair, ag ràdh, Molaibh ar Dia-ne, sibhse uile as seirbhisich dha, agus air a bheil a eagal-san, eadar bheag agus mhòr.

Agus thubhairt Samuel, A bheil tlachd aig an Tighearna ann an tabhartasan-loisgte agus an ìobairtean, mar ann an ùmhlachd do ghuth an Tighearna? Feuch, is fheàrr ùmhlachd na ìobairt, agus aire a thabhairt na saill reitheachan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan