Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 22:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus an dèidh nan nithean sin dhearbh Dia Abrahàm, agus thubhairt e ris, Abrahàim: agus thubhairt e, Feuch, tha mi an seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

An dèidh nan nithean sin thàinig facal an Tighearna gu Abram ann an taisbeanadh, ag ràdh, Na biodh eagal ort, Abraim: is mise do sgiath agus do dhuais ro‑mhòr.

Agus bha an nì ro‑dhoilgheasach ann an sùilean Abrahàim airson a mhic.

Agus ghlaodh aingeal an Tighearna ris o nèamh, agus thubhairt e, Abrahàim, Abrahàim. Agus thubhairt esan, Feuch, tha mi an seo.

Agus labhair Isaac ra athair Abrahàm, agus thubhairt e, Athair: agus thubhairt esan, Feuch, tha mi an seo, a mhic. Agus thubhairt e, Feuch an teine agus am fiodh: ach càit a bheil an t‑uan airson tabhartais-loisgte?

Agus thubhairt Israel ri Iòseph. Nach eil do bhràithrean ag ionaltradh an treud ann an Sechem? Thig, agus cuiridh mi thu dan ionnsaigh. Agus thubhairt e ris, Tha mise an seo.

Agus labhair Dia ri Israel ann an taisbeanan na h‑oidhche, agus thubhairt e, A Iàcoib, a Iàcoib. Agus thubhairt esan, Tha mi an seo.

Agus a‑rìs las fearg an Tighearna an aghaidh Israeil, agus bhrosnaich e Daibhidh nan aghaidh, ag ràdh, Falbh, gabh àireamh Israeil agus Iùdah.

Gidheadh, a‑thaobh teachdairean uachdarain Bhàbiloin, a chuireadh da ionnsaigh a dh’fhiosrachadh mun iongantas a bha anns an tìr, thrèig Dia e ga dhearbhadh, a‑chum gum biodh fhios aige air gach nì a bha na chridhe.

Rannsaichidh an Tighearna am fìrean; ach an t‑aingidh, agus esan a thug spèis do fhòirneart, is fuath le a anam.

An sin thubhairt an Tighearna ri Maois, Feuch, frasaidh mise dhuibh aran o nèamh, agus thèid an sluagh a‑mach, agus cruinnichidh iad cuibhreann gach là air an là sin fhèin, a‑chum is gun dearbh mi iad, co aca a ghluaiseas iad ann am lagh, no nach gluais.

Agus nuair a chunnaic an Tighearna gun do thionndaidh e a lethtaobh a dh’fhaicinn sin, ghairm Dia air à meadhon a’ phris, agus thubhairt e, A Mhaois, a Mhaois. Agus thubhairt esan, Tha mi an seo.

Tha a’ phoit-ghlanaidh airson an airgid, agus an àmhainn airson an òir; ach dearbhaidh an Tighearna na cridheachan.

Agus chuala mi guth an Tighearna ag ràdh, Cò leis a chuireas mi fios? Agus cò a thèid air ar son? Agus thubhairt mi, Feuch, tha mise an seo; cuir fios leamsa.

Cha do thachair deuchainn air bith ribh, ach nì a tha coitcheann do dhaoine: ach tha Dia dìleas, nach leig dhuibh a bhith air ur feuchainn thar ur comais; ach a nì maille ris an deuchainn slighe gu dol as mar an ceudna, a‑chum gum bi sibh comasach air a giùlan.

Chan èisd thu ri briathran an fhàidh sin, no ris an fhear sin a chì aisling: oir tha an Tighearna ur Dia gur dearbhadh, a dh’fheuchainn a bheil sibh a’ gràdhachadh an Tighearna ur Dia le ur n‑uile chridhe, agus le ur n‑uile anam.

A bheathaich thu anns an fhàsach le mana, nach b’aithne dod athraichean, a‑chum gun irioslaicheadh e thu, agus gun dearbhadh e thu, a dhèanamh maith dhut ann ad làithean deireannach;

Agus cuimhnichidh tu an t‑slighe sin uile air an do threòraich an Tighearna do Dhia thu rè an dà‑fhichead bliadhna seo anns an fhàsach, gud irioslachadh, gud dhearbhadh, a‑chum gum biodh fios ciod a bha ann ad chridhe, an gleidheadh tu a àitheantan, no nach gleidheadh.

Tre chreideamh dh’ìobair Abrahàm, air dha a bhith air a dhearbhadh, a mhac Isaac; agus thug an tì a fhuair na geallaidhean suas a aon-ghin mhic;

Nach deachaidh ar n‑athair Abrahàm fhìreanachadh le obraichean nuair a thug e suas a mhac Isaac air an altair?

A‑chum gum faighear dearbhadh ur creidimh, nas luachmhoire gu mòr na òr a thèid am mugha, ged dhearbhar le teine e, a‑chum cliù, agus urraim, agus glòir aig foillseachadh Iosa Crìosd:

A‑chum leòsan gun dearbh mi Israel, an glèidh iad slighe an Tighearna, a dh’imeachd innte, mar a ghlèidh an athraichean i, no nach glèidh.

Gun do ghairm an Tighearna air Samuel; agus fhreagair esan, Tha mi an seo.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan