Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 21:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chunnaic Sàrah mac Hàgair a’ bhan-Eiphiteach, a rug i do Abrahàm, ri fanaid.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

A‑nis cha do rug Sàrai bean Abraim clann dha: agus bha banoglach Eiphiteach aice, dom b’ainm Hàgar.

Agus rug Hàgar mac do Abram: agus thug Abram Ismael mar aimn air a mhac, a rug Hàgar.

Agus a‑thaobh Ismaeil, chuala mi thu: Feuch, bheannaich mi e, agus nì mi sìolmhor e, agus cuiridh mi an lìonmhorachd e gu h‑anabarrach; dà‑cheannard-dheug ginidh e, agus nì mi e na chinneach mòr.

Agus dh’fhàs an leanabh, agus chuireadh bhàrr na cìche e: agus rinn Abrahàm cuirm mhòr anns an là an do chuireadh Isaac bhàrr na cìche.

Agus chaidh na gillean-ruith thairis o bhaile gu baile, air feadh tìr Ephraim agus Mhanaseh, eadhon gu ruig Sebulun: ach bha iad a’ fanaid orra, agus a’ dèanamh ball-magaidh dhiubh.

Ach rinn iadsan fanaid air teachdairean Dhè, agus rinn iad dìmeas air a bhriathran, agus rinn iad tarcais air a fhàidhean, gus an d’èirich fearg an Tighearna an aghaidh a shluaigh air chor is nach robh leigheas ann.

Ach a‑nis tha iadsan as òige na mise a’ dèanamh fanaid orm, muinntir nach b’fhiù leam an athraichean a chur maille ri coin mo threuda.

Ach is cnuimh mise, agus cha duine; masladh dhaoine, agus tàir an t‑sluaigh.

Mar chlaidheamh am chnàmhan, tha mo naimhdean a’ toirt maslaidh dhomh nuair a their iad rium gach là, Càit a bheil do Dhia?

Aithnichear eadhon leanabh le a bheusan, am bi a dhèanadas glan, agus am bi e ceart.

Tilg a‑mach am fear-fochaid, agus thèid connsachadh a‑mach; seadh, sguiridh còmhstri agus masladh.

Chuimhnich Ierusalem ann an là a h‑àmhghair, agus a truaighe, air a h‑uile nithean sòlasach a bha aice anns na làithean o shean; an tràth thuit a daoine ann an làimh an nàmhaid, agus nach do rinn neach a cuideachadh; chunnaic na naimhdean, agus rinn iad fanaid air a sàbaidean.

Oir tha e sgrìobhte, gu robh aig Abrahàm dithis mhac; aon ri banoglaich, agus am mac eile ri mnaoi shaoir.

Ach mar a rinn esan, a rugadh a rèir na feòla, anns an àm sin geur-leanmhainn airsan a rugadh a rèir an Spioraid, is amhail sin a tha a‑nis mar an ceudna.

Fhuair dream eile deuchainn de fhanaidean, agus de sgiùrsaidhean, seadh fòs, de ghèimhlean agus de phrìosan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan