Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 21:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’fhàs an leanabh, agus chuireadh bhàrr na cìche e: agus rinn Abrahàm cuirm mhòr anns an là an do chuireadh Isaac bhàrr na cìche.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

Agus cho-èignich e iad; agus thionndaidh iad da ionnsaigh, agus chaidh iad a‑steach da thaigh; agus rinn e cuirm dhaibh, agus dheasaich e aran neo-ghortaichte, agus dh’ith iad.

Agus thubhairt i, Cò a theireadh ri Abrahàm gun tugadh Sàrah cìoch do chloinn? Oir rug mi mac dha na sheann aois.

Agus chunnaic Sàrah mac Hàgair a’ bhan-Eiphiteach, a rug i do Abrahàm, ri fanaid.

Agus rinn e dhaibh cuirm, agus dh’ith agus dh’òl iad.

Agus chruinnich Làban cuideachd daoine an àit uile, agus rinn e cuirm.

Agus air an treas là, co‑ainm là‑breithe Phàraoh, rinn e cuirm da sheirbhisich uile: agus thog e suas ceann an àrd-bhuidealair, agus ceann an àrd-fhuineadair am measg a sheirbhiseach.

Agus thàinig Abner a dh’ionnsaigh Dhaibhidh gu Hebron agus fichead fear maille ris: agus rinn Daibhidh cuirm do Abner agus do na daoine a bha maille ris.

Agus mhosgail Solamh, agus, feuch, b’aisling a bha ann agus thàinig e gu Ierusalem, agus sheas e am fianais àirc coicheangal an Tighearna, agus thug e suas ìobairtean-loisgte, agus dh’ìobair e ìobairtean-sìth, agus rinn e cuirm da sheirbhisich uile.

Anns an treas bliadhna de a rìoghachadh, rinn e cuirm da uachdarain uile, agus da sheirbhisich; agus cumhachd Phersia agus Mhedia, àrd-uaislean agus uachdarain nam mòr-roinn na làthair;

Gu deimhinn shocraich agus chiùinich mi m’anam, mar leanabh a chuireadh o chìch a mhàthar; mar leanabh a chuireadh on chìch tha m’anam-sa.

Agus chuir i on chìch Lo‑ruhamah, agus dh’fhàs i torrach, agus rug i mac.

Agus chaidh a athair sìos a dh’ionnsaigh na mnà: agus rinn Samson an sin cuirm; oir mar sin bu ghnàth leis na daoine òga a dhèanamh.

Agus thubhairt Samson riu, Cuiridh mi a‑nis tòimhseachan a‑mach dhuibh: ma chuireas sibh gu cinnteach an cèill dhomh e an taobh a‑staigh de sheachd làithean na cuirme, agus gum faigh sibh a‑mach e, an sin bheir mise dhuibh deich-ar‑fhichead brat-lìn, agus deich-ar‑fhichead culaidh aodaich:

Agus cha deachaidh Hanah suas; oir thubhairt i ra fear, Cha tèid mise suas gus an cuirear an leanabh bhàrr na cìche, agus an sin bheir mi leam e, a‑chum gun taisbeanar e am fianais an Tighearna, agus gum fan e an sin gu bràth.

Agus nuair a chuir i bhàrr na cìche e, thug i suas leatha e, maille ri trì-bhliadhnach tairbh, agus aon ephah de mhin mhìn, agus searrag fhìona, agus thug i e do thaigh an Tighearna ann an Siloh: agus bha an leanabh òg.

Agus thàinig Abigail a dh’ionnsaigh Nàbeil; agus, feuch, bha cuirm aige na thaigh mar chuirm rìgh; agus bha cridhe Nàbeil subhach an taobh a‑staigh dheth, oir bha e gu mòr air mhisg: uime sin cha d’innis i dha a’ bheag no a’ mhòr gu solas na maidne.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan