Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 21:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt i, Cò a theireadh ri Abrahàm gun tugadh Sàrah cìoch do chloinn? Oir rug mi mac dha na sheann aois.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

An sin thuit Abrahàm air a aghaidh, agus rinn e gàire, agus thubhairt e na chridhe, Am beirear mac dhàsan a tha ceud bliadhna a dh’aois? Agus am beir Sàrah, a tha deich agus ceithir-fichead bliadhna a dh’aois, mac?

Agus thubhairt an Tighearna ri Abrahàm, Carson a rinn Sàrah gàire, ag ràdh, An e gum beir mise gu cinnteach leanabh, agus mi aosmhor?

Agus dh’fhàs an leanabh, agus chuireadh bhàrr na cìche e: agus rinn Abrahàm cuirm mhòr anns an là an do chuireadh Isaac bhàrr na cìche.

Agus rug piuthar Thahpeneis dha Genubat a mhac, a chuir Tahpenes bhàrr na cìche ann an taigh Phàraoh: agus bha Genubat ann an teaghlach Phàraoh am measg mic Phàraoh.

Agus dh’èirich mi anns a’ mhadainn a thoirt cìche dom mhac, agus, feuch, bha e marbh. Ach nuair a thug mi an aire dha anns a’ mhadainn, feuch, cha b’e mo mhac-sa a bha ann, a rug mi.

Oir is mòr thusa, agus tha thu a’ dèanamh nithean iongantach; is tusa Dia, thu fhèin a‑mhàin.

Chan eil do shamhail-sa am measg nan diathan, a Thighearna, agus chan eil obraichean ann cosmhail rid obraichean-sa.

An sin their thu ann ad chridhe, Cò a ghin dhomh iad seo? Oir dh’fhàgadh mi gun chloinn agus am aonar, am fhògarrach agus air m’fhuadachadh; agus cò a dh’àraich iad seo? Feuch, dh’fhàgadh mi am aonar; iad seo, càit an robh iad?

Cò a chuala a leithid seo? Cò a chunnaic an leithidean seo de nithean? An tabhair an talamh a‑mach a thoradh ann an aon là? Am bi cinneach air a bhreith a dh’aon bheum? Oir cha bu luaithe bha Sion ann an saothair na rug i a clann.

Mallaichte gu robh esan a thug fios a dh’ionnsaigh m’athar, ag ràdh, Tha leanabh mic air a bhreith dhut, ga dhèanamh ro‑aoibhneach.

Gu cinnteach chan eil draoidheachd an aghaidh Iàcoib, cha mhò a tha fhiosachd an aghaidh Israeil: a rèir na h‑aimsir seo theirear mu Iàcob, agus mu Israel, Ciod a dh’obraich Dia!

A‑chum gun dèante aithnichte a‑nis do na h‑uachdaranachdan, agus do na cumhachdan ann an ionadan nèamhaidh, leis an eaglais, gliocas eugsamhail Dhè.

Nuair a thig e gu bhith air a ghlòrachadh na naoimh, agus a‑chum gun dèanar iongantach e anntasan uile a tha a’ creidsinn anns an là sin (do bhrìgh gun do chreideadh ar fianais-ne nur measg-se).




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan