Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 21:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Sàrah, Thug Dia orm gàire a dhèanamh: agus gach neach a chluinneas, nì e gàire maille rium.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

An sin thuit Abrahàm air a aghaidh, agus rinn e gàire, agus thubhairt e na chridhe, Am beirear mac dhàsan a tha ceud bliadhna a dh’aois? Agus am beir Sàrah, a tha deich agus ceithir-fichead bliadhna a dh’aois, mac?

Bheir e air a’ mhnaoi a tha gun sliochd còmhnaidh a ghabhail ann an taigh, na màthair ait cloinne.

An sin lìonadh ar beul le gàire agus ar teanga le luathghaire; an sin thubhairt iad am measg nan cinneach, Rinn an Tighearna nithean mòra air an son.

An dìochuimhnich màthair a leanabh-cìche, gun iochd a dhèanamh air mac a cuim? Faodaidh eadhon iadsan dìochuimhneachadh, ach cha dìochuimhnich mise thusa.

An sin their thu ann ad chridhe, Cò a ghin dhomh iad seo? Oir dh’fhàgadh mi gun chloinn agus am aonar, am fhògarrach agus air m’fhuadachadh; agus cò a dh’àraich iad seo? Feuch, dh’fhàgadh mi am aonar; iad seo, càit an robh iad?

Seinn, a bhean aimrid nach do rug clann; seinn gu luath-ghaireach, agus dèan iolach àrd, thusa nach robh ri saothair chloinne; oir is lìonmhoire clann na mnà aonaranaich na clann na mnà pòsda, deir an Tighearna.

Mallaichte gu robh esan a thug fios a dh’ionnsaigh m’athar, ag ràdh, Tha leanabh mic air a bhreith dhut, ga dhèanamh ro‑aoibhneach.

Agus bidh aoibhneas agus subhachas ort; agus nì mòran gàirdeachas ra bhreith.

Agus chuala a coimhearsnaich agus a càirdean mar a nochd an Tighearna mòr-thròcair dhi: agus rinn iad gàirdeachas maille rithe.

Dèanaibh gàirdeachas maille riùsan a tha ri gàirdeachas, agus caoidh maille riùsan a tha ri caoidh.

Tre chreideamh mar an ceudna fhuair Sàrah fhèin neart gu sliochd a ghabhail na broinn, agus rug i leanabh an dèidh dhi dol thar aois cloinne, do bhrìgh gun do mheas i gu robh esan fìrinneach a thug an gealladh.

Agus thubhairt i, Mo thighearna, mar as beò d’anam, mo thighearna, is mise a’ bhean a sheas làimh riut an seo a’ dèanamh ùrnaigh ris an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan