Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 21:30

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e, Oir gabhaidh tu na seachd uain bhoireann sin om làimh, a‑chum gum bi iad nam fianais dhòmhsa gun do chladhaich mi an tobar seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus chuir Abrahàm seachd uain bhoireann den treud air leth leo fhèin.

Agus thubhairt Abimelech ri Abrahàm, Ciod iad na seachd uain bhoireann sin a chuir thu air leth leo fhèin?

Agus dhùin na Philistich suas na tobraichean uile a chladhaich seirbhisich a athar, ann an làithean Abrahàim a athair, agus lìon iad le ùir iad.

Agus chladhaich Isaac a‑rìs na tobraichean uisge a chladhaicheadh ann an làithean Abrahàim a athair; oir dhùin na Philistich suas iad an dèidh bàs Abrahàim: agus thug e ainmean orra a rèir nan ainm a thug a athair orra.

Biodh an càrn seo na fhianais, agus biodh an carragh seo na fhianais, nach tèid mise ad ionnsaigh-sa thar a’ chàrn seo, agus nach tig thusa am ionnsaigh-sa thar a’ chàrn seo, agus a’ charragh seo, gu cron.

Agus thubhairt Iosua ris an t‑sluagh uile, Feuch, bidh a’ chlach seo na fianais dhuinn; oir chuala i uile bhriathran an Tighearna a labhair e rinn: bidh i uime sin na fianais nur n‑aghaidh-se, air eagal gun àicheadh sibh ur Dia.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan