Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 21:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug Abrahàm Isaac mar ainm air a mhac a rugadh dha, a rug Sàrah dha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Dia, Gu cinnteach beiridh do bhean Sàrah mac dhut, agus bheir thu Isaac mar ainm air: agus daingnichidh mise mo choicheangal ris mar choicheangal sìorraidh, agus ra shliochd na dhèidh.

Ach mo choicheangal daingnichidh mi ri Isaac, a bheireas Sàrah dhut anns an àm seo anns an ath bhliadhna.

Agus thubhairt Dia ri Abrahàm, Na biodh e doilgheasach ad shùilean airson an òganaich, agus airson do bhan-tràille; a‑thaobh gach nì a thubhairt Sàrah riut, èisd ra guth; oir is ann an Isaac a dh’ainmichear dhutsa sliochd.

Agus thubhairt Sàrah, Thug Dia orm gàire a dhèanamh: agus gach neach a chluinneas, nì e gàire maille rium.

Agus thubhairt esan, Gabh a‑nis do mhac, d’aon mhac Isaac, as ionmhainn leat, agus rach do thìr Mhoriah; agus thoir suas an sin e mar thabhartas-loisgte air aon de na beanntan a dh’innseas mise dhut.

Agus is iad seo ginealaichean Isaaic mhic Abrahàim: Ghin Abrahàm Isaac.

Ghin Abrahàm Isaac, agus ghin Isaac Iàcob, agus ghin Iàcob Iùdas agus a bhràithrean,

Agus thug e dha coicheangal an timcheall-ghearraidh: agus mar sin ghin Abrahàm Isaac, agus thimcheall-gheàrr e e air an ochdamh là: agus ghin Isaac Iàcob, agus Iàcob an dà phrìomh-athair dheug.

Agus cha mhò do bhrìgh gur sliochd do Abrahàm iad, a tha iad uile nan cloinn: ach, Ann an Isaac ainmichear do shìol.

Ris an dubhairteadh, Ann an Isaac goirear do shliochd:

Agus thug mi ur n‑athair Abrahàm o thaobh thall na h‑aibhne, agus threòraich mi e tro thìr Chanàain uile, agus rinn mi a shliochd lìonmhor, agus thug mi dha Isaac.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan