Agus thubhairt Abimelech ri Abrahàm, Ciod iad na seachd uain bhoireann sin a chuir thu air leth leo fhèin?
Agus chuir Abrahàm seachd uain bhoireann den treud air leth leo fhèin.
Agus thubhairt e, Oir gabhaidh tu na seachd uain bhoireann sin om làimh, a‑chum gum bi iad nam fianais dhòmhsa gun do chladhaich mi an tobar seo.
Agus thubhairt e, Ciod as ciall dhut leis an iomain seo uile, a choinnich mi? Agus thubhairt esan, Gu deagh-ghean fhaghail ann an sùilean mo thighearna.
Agus tàrlaidh, nuair a their ur clann ribh, Ciod as ciall dhuibh leis an t‑seirbhis seo?
Agus thubhairt Samuel, Ciod as ciall matà do mhèilich nan caorach seo ann am chluasan, agus do gheumnaich a’ chruidh a tha mi a’ cluinntinn?