Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 21:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir dh’fhàs Sàrah torrach, agus rug i mac do Abrahàm na sheann aois, anns an àm shuidhichte mun do labhair Dia ris.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Dia, Gu cinnteach beiridh do bhean Sàrah mac dhut, agus bheir thu Isaac mar ainm air: agus daingnichidh mise mo choicheangal ris mar choicheangal sìorraidh, agus ra shliochd na dhèidh.

Ach mo choicheangal daingnichidh mi ri Isaac, a bheireas Sàrah dhut anns an àm seo anns an ath bhliadhna.

Agus thubhairt e, Gu cinnteach tillidh mi ad ionnsaigh a rèir àm na beatha, agus, feuch, bidh mac aig Sàrah do bhean. Agus chuala Sàrah sin ann an doras a’ bhùtha, a bha air a chùl.

A bheil nì air bith do‑dhèante don Tighearna? Anns an àm shuidhichte tillidh mi ad ionnsaigh, a rèir àm na beatha, agus bidh mac aig Sàrah.

Agus, feuch, do bhana-charaid Elisabet, tha ise fhèin torrach air mac, na seann aois; agus is e seo an siathamh mìos dhise den goirte bean neo-thorrach;

Agus thug e dha coicheangal an timcheall-ghearraidh: agus mar sin ghin Abrahàm Isaac, agus thimcheall-gheàrr e e air an ochdamh là: agus ghin Isaac Iàcob, agus Iàcob an dà phrìomh-athair dheug.

Oir is e seo facal a’ gheallaidh, A rèir an àma seo thig mi, agus bidh mac aig Sàra.

Oir tha e sgrìobhte, gu robh aig Abrahàm dithis mhac; aon ri banoglaich, agus am mac eile ri mnaoi shaoir.

Tre chreideamh mar an ceudna fhuair Sàrah fhèin neart gu sliochd a ghabhail na broinn, agus rug i leanabh an dèidh dhi dol thar aois cloinne, do bhrìgh gun do mheas i gu robh esan fìrinneach a thug an gealladh.

Agus thug mi ur n‑athair Abrahàm o thaobh thall na h‑aibhne, agus threòraich mi e tro thìr Chanàain uile, agus rinn mi a shliochd lìonmhor, agus thug mi dha Isaac.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan