Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 21:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaitheadh an t‑uisge on t‑searraig, agus thilg i an leanabh fo aon de na preasan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus dh’èirich Abrahàm suas gu moch anns a’ mhadainn, agus ghabh e aran agus searrag uisge, agus thug e sin do Hàgar, agus chuir e air a gualainn e, agus an leanabh, agus chuir e air falbh i: agus dh’imich i, agus chaidh i air seachran ann am fàsach Bheer-sèba.

Agus dh’fhalbh i, agus shuidh i sìos fa chomhair, urchair saighde: oir thubhairt i, Na faiceam bàs an leinibh. Agus shuidh i fa chomhair, agus thog i suas a guth, agus ghuil i.

Agus thubhairt ise, Mar as beò an Tighearna do Dhia, chan eil breacag agam, ach làn an dùirn de mhin ann an soitheach, agus beagan ola ann an còrn: agus, feuch, tha mi a’ tional biorain no dhà, a‑chum gun tèid mi a‑steach, agus gun deasaich mi e dhomh fhèin agus dom mhac, agus gun ith sinn e, agus gum faigh sinn bàs.

Agus dh’imich rìgh Israeil, agus rìgh Iùdah, agus rìgh Edoim, agus chaidh iad mun cuairt astar seachd là; agus cha robh uisge aca don t‑sluagh, agus don sprèidh a lean iad.

A Dhia, is tu mo Dhia-sa; gu moch iarraidh mi thu; tha tart air m’anam ad dhèidh, tha m’fheòil a’ togradh ad ionnsaigh ann an tìr thioraim agus thartmhoir, as eugmhais uisge;

Gearraidh an gobha mìr iarainn, obraichidh e e anns na h‑èibhlean, agus nì e a chumadh le ùird, agus caithidh e spionnadh a ghàirdein air; seadh, bidh e acrach, agus fàilnichidh a neart; chan òl e uisge, agus bidh e fann.

Chuir na h‑uaislean fòs an clann bheag a dh’iarraidh uisge: thàinig iad gus na sluic, agus cha d’fhuair iad uisge sam bith; thill iad len soithichean falamh; bha nàire agus masladh orra, chòmhdaich iad an cinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan