Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 21:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Dia ri Abrahàm, Na biodh e doilgheasach ad shùilean airson an òganaich, agus airson do bhan-tràille; a‑thaobh gach nì a thubhairt Sàrah riut, èisd ra guth; oir is ann an Isaac a dh’ainmichear dhutsa sliochd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Dia, Gu cinnteach beiridh do bhean Sàrah mac dhut, agus bheir thu Isaac mar ainm air: agus daingnichidh mise mo choicheangal ris mar choicheangal sìorraidh, agus ra shliochd na dhèidh.

Ach mo choicheangal daingnichidh mi ri Isaac, a bheireas Sàrah dhut anns an àm seo anns an ath bhliadhna.

A’ foillseachadh na crìche on tùs, agus on aimsir chèin; nan nithean nach eil fhathast dèante; ag ràdh, Seasaidh mo chomhairle, agus gach nì as àill leam nì mi:

Ach ciod a tha an sgriobtar ag ràdh? Tilg a‑mach a’ bhanoglach agus a mac: oir cha bhi mac na banoglaich na oighre maille ri mac na mnà saoire.

Ris an dubhairteadh, Ann an Isaac goirear do shliochd:

Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Eisd ri guth an t‑sluaigh anns gach nì a their iad riut: oir riutsa cha do chuir iad cùl, ach riumsa chuir iad cùl, a‑chum nach rìoghaichinn os an cionn.

A‑nis uime sin èisd rin guth: gidheadh bheir thu gu cinnteach fianais nan aghaidh, agus cuiridh tu an cèill dhaibh lagh an rìgh a rìoghaicheas os an cionn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan