Uime sin thubhairt i ri Abrahàm, Tilg a‑mach a’ bhan-tràill seo, agus a mac: oir cha bhi mac na ban-tràille seo na oighre maille rim mhac-sa, eadhon ri Isaac.
Agus thubhairt Dia, Gu cinnteach beiridh do bhean Sàrah mac dhut, agus bheir thu Isaac mar ainm air: agus daingnichidh mise mo choicheangal ris mar choicheangal sìorraidh, agus ra shliochd na dhèidh.
Agus thubhairt Abrahàm, A chionn gun dubhairt mi annam fhèin, Gu cinnteach chan eil eagal an Tighearna anns an ionad seo; agus marbhaidh iad mi airson mo mhnà.
Ach do mhic nan coileabach a bha aig Abrahàm, thug Abrahàm tìodhlacan; agus chuir e air falbh iad o a mhac Isaac, nuair a bha e fhèin fhathast beò, don taobh an ear, do thìr na h‑àird an ear.
An sin thubhairt an rìgh ris na seirbhisich, Air a cheangal dhuibh eadar chasan agus làmhan, togaibh leibh e, agus tilgibh e anns an dorchadas iomallach: an sin bidh gul agus gìosgan fhiacal.
Chaidh iad a‑mach uainn, ach cha robh iad dhinn: oir nam biodh iad dhinn, gu deimhinn dh’fhanadh iad maille rinn: ach chaidh iad a‑mach, a‑chum gun dèante follaiseach iad, nach robh iad uile dhinn.
Agus rug bean Ghilead mic dha; agus dh’fhàs mic a mhnà suas, agus thilg iad a‑mach Iephtah, agus thubhairt iad ris, Chan fhaigh thu oighreachd ann an taigh ar n‑athar-ne, oir is mac mnà coimhich thu.