Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 21:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’amhairc an Tighearna air Sàrah mar a thubhairt e, agus rinn an Tighearna do Shàrah mar a labhair e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus beannaichidh mise i, agus bheir mi dhut mar an ceudna mac uaipe: seadh, beannaichidh mi i, agus bidh i na màthair chinneach; thig rìghrean phoibleach uaipe.

Agus thubhairt Dia, Gu cinnteach beiridh do bhean Sàrah mac dhut, agus bheir thu Isaac mar ainm air: agus daingnichidh mise mo choicheangal ris mar choicheangal sìorraidh, agus ra shliochd na dhèidh.

Ach mo choicheangal daingnichidh mi ri Isaac, a bheireas Sàrah dhut anns an àm seo anns an ath bhliadhna.

Agus thubhairt e, Gu cinnteach tillidh mi ad ionnsaigh a rèir àm na beatha, agus, feuch, bidh mac aig Sàrah do bhean. Agus chuala Sàrah sin ann an doras a’ bhùtha, a bha air a chùl.

A bheil nì air bith do‑dhèante don Tighearna? Anns an àm shuidhichte tillidh mi ad ionnsaigh, a rèir àm na beatha, agus bidh mac aig Sàrah.

Agus rug Sàrah, bean mo mhaighistir, mac dom mhaighistir na seann aois: agus thug e dhàsan gach nì a bha aige;

Agus thubhairt Iòseph ra bhràithrean, Tha mise a’ faighinn a’ bhàis, ach amhaircidh Dia gu cinnteach oirbhse, agus bheir e a‑mach sibh as an fhearann seo, don fhearann a mhionnaich e do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob.

Agus dh’fhàs a’ bhean torrach, agus rug i mac aig an àm shuidhichte sin mun do labhair Elisa rithe, a rèir àm na beatha.

Cuimhnich oirnn, a Thighearna, leis an deagh-ghean a tha thu a’ nochdadh dod shluagh fhèin; O fiosraich sinn led shlàinte;

Is briathran fìorghlan briathran an Tighearna; mar airgead air a dhearbhadh ann an àmhainn chreadha, air a ghlanadh seachd uairean.

Na crom thu fhèin sìos dhaibh, agus na dèan seirbhis dhaibh: oir mise an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuathaicheas mi;

Imich agus cruinnich ri chèile seanairean Israeil, agus abair riu, Dh’fhoillsich an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, e fhèin dhòmhsa, Dia Abrahàim, Isaaic, agus Iàcoib, ag ràdh, Gu cinnteach dh’amhairc mi oirbh, agus chunnaic mi an nì a rinneadh oirbh anns an Eiphit:

Agus chreid an sluagh: agus nuair a chuala iad gun d’amhairc an Tighearna air cloinn Israeil, agus gum faca e an àmhghar, an sin chrom iad an cinn, agus rinn iad adhradh.

Thèid nèamh agus talamh thairis, ach cha tèid mo bhriathran-sa thairis a‑chaoidh.

Guma beannaichte an Tighearna Dia Israeil, airson gun d’fhiosraich e agus gun tug e saorsa da phoball,

Agus an leag iad cho ìosal ris an làr thu, agus do chlann annad, agus nach fàg iad annad clach air muin cloiche; do bhrìgh nach b’aithne dhut aimsir d’fhiosrachaidh.

Agus esan a bha aige ris a’ bhanoglaich, ghineadh a rèir na feòla e; ach esan a bha aige ris a’ mhnaoi shaoir, tre ghealladh.

A‑nis, a bhràithrean, is sinne, mar a bha Isaac, clann a’ gheallaidh.

Ann an dòchas na beatha maireannaich a gheall Dia, do nach comasach breug a dhèanamh, ro chruthachadh an t‑saoghail;

Agus dh’èirich i suas maille ra ban-chliamhainnean, a‑chum gun tilleadh i o fhearann Mhòaib; oir chuala i ann am fearann Mhòaib gun d’amhairc an Tighearna air a shluagh le aran a thabhairt dhaibh.

Agus dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, agus rinn iad adhradh an làthair an Tighearna, agus thill iad, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh an taighe gu Ramah: agus dh’aithnich Elcanah a bhean Hanah, agus chuimhnich an Tighearna oirre.

Agus dh’amhairc an Tighearna air Hanah, agus dh’fhàs i torrach, agus rug i trì mic, agus dà nighinn. Agus dh’fhàs an leanabh Samuel suas am fianais an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan