Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 20:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis, matà, thoir air a h‑ais don duine a bhean; oir is fàidh e, agus nì e ùrnaigh air do shon, agus bidh tu beò: ach mura toir thu air a h‑ais i, biodh fhios agad gum faigh thu bàs gu cinnteach, thu fhèin agus gach uile as leat.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

42 Iomraidhean Croise  

Chunnaic mar an ceudna ceannardan Phàraoh i, agus mhol iad i do Phàraoh: agus thugadh a‑steach a’ bhean do thaigh Phàraoh.

Agus bhuail an Tighearna Phàraoh agus a thaigh le plàighean mòra, airson Shàrai bean Abraim.

Ach de chraoibh eòlas a’ mhaith agus an uilc, chan ith thu dhith sin; oir anns an là a dh’itheas tu dhith, gu cinnteach bàsaichidh tu.

Oir dhruid an Tighearna suas gach bolg ann an teaghlach Abimeleich, airson Shàrah bean Abrahàim.

Agus thàinig Dia gu Abimelech ann an aisling anns an oidhche, agus thubhairt e ris, Feuch, is duine marbh thu airson na mnà a ghabh thu; oir is bean duine eile i.

Uime sin dh’èirich Abimelech moch anns a’ mhadainn, agus ghairm e a sheirbhisich uile, agus dh’aithris e na nithean sin uile nan èisdeachd: agus bha eagal mòr air na daoine.

Eisd rinne, mo thighearna: is uachdaran cumhachdach thusa nar measg-ne; ann an roghainn ar n‑àiteachan-adhlaic adhlaic do mharbh: cha chùm duine nar measg-ne a àit-adhlaic uat, gud mharbh adhlac ann.

Agus labhair Daibhidh ris an Tighearna nuair a chunnaic e an t‑aingeal a bhuail an sluagh, agus thubhairt e, Feuch, is mise a pheacaich, agus is mise a rinn gu h‑aingidh; ach na caoraich sin, ciod a rinn iad? Bitheadh do làmh, guidheam ort, am aghaidh-sa, agus an aghaidh taigh m’athar.

Agus fhreagair an rìgh, agus thubhairt e ris an duine le Dia, Aslaich a‑nis gnùis an Tighearna do Dhia, agus dèan ùrnaigh air mo shon, a‑chum gun aisigear mo làmh dhomh a‑rìs. Agus dh’aslaich an duine le Dia gnùis an Tighearna, agus dh’aisigeadh làmh an rìgh dha a‑rìs, agus bha i mar air tùs.

Ach bha fearg air Nàaman, agus dh’fhalbh e roimhe, agus thubhairt e, Feuch, shaoil mi gu cinnteach gun tigeadh e a‑mach am ionnsaigh, agus gun seasadh e, agus gun gairmeadh e air ainm an Tighearna a Dhia, agus gun cuireadh e a làmh air an àite, agus gun lèighseadh e an lobhar.

Ag ràdh, Na beanaibh rim dhaoine ungte, agus air m’fhàidhean na dèanaibh cron sam bith.

Oir cha do ghlan mòran den t‑sluagh, mòran de Ephraim, agus de Mhanaseh, de Isachar, agus de Shebulun iad fhèin; gidheadh, dh’ith iad a’ chàisg, cha b’ann mar a tha e sgrìobhte.

Ris-san nach gabh ri gnùis uachdaran, agus nach meas an saoibhir nas mò na am bochd? Oir is iad uile obraichean a làmh.

Agus uime sin gabhaibh dhuibh fhèin seachd tairbh òga agus seachd reitheachan, agus rachaibh a dh’ionnsaigh m’òglaich Iob, agus ìobraibh ìobairt-loisgte air ur son fhèin; agus nì m’òglach Iob ùrnaigh air ur son, oir ris-san gabhaidh mi: a‑chum nach buin mi ribh a rèir ur n‑amaideachd, a chionn nach do labhair sibh am thaobh-sa an nì a bha ceart, mar a labhair m’òglach Iob.

Tha rùn an Tighearna aig an dream don eagal e, agus foillsichidh e dhaibh a choicheangal.

Agus thubhairt athair-cèile Mhaois ris, Cha mhath an nì a tha thu a’ dèanamh.

Agus labhraidh esan air do shon-sa ris an t‑sluagh: agus bidh esan, bidh eadhon esan, dhut an àite beòil, agus bidh tusa dhàsan an àite Dhè.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Feuch, rinn mi thu ad dhia do Phàraoh: agus bidh do bhràthair Aaron na fhàidh agad.

Uime sin thubhairt an Tighearna rium, Na guidh as leth an t‑sluaigh seo airson an leas.

An sin thubhairt an Tighearna rium, Ged sheasadh Maois agus Samuel am làthair, cha bhiodh m’anam leis an t‑sluagh seo; cuir a‑mach iad à m’fhianais, agus siùbhladh iad air falbh.

Ach mas fàidhean iad, agus ma tha facal an Tighearna maille riu, dèanadh iad a‑nis eadar-ghuidhe ri Tighearna nan sluagh, a‑chum nach rachadh na soithichean a tha air am fàgail ann an taigh an Tighearna, agus ann an taigh rìgh Iùdah, agus ann an Ierusalem, gu Bàbilon.

Nuair a their mise ris an aingidh, Gheibh thu gu cinnteach bàs; agus nach toir thusa rabhadh dha, agus nach labhair thu a thoirt rabhaidh don chiontach o a dhroch shlighe, a‑chum a anam a thèarnadh; bàsaichidh an droch dhuine sin na aingidheachd, ach iarraidh mise a fhuil air do làimh-sa.

Nuair a their mise ris an aingidh, O dhuine aingidh, gheibh thu gu deimhinn bàs; mura labhair thusa a‑chum an t‑aingidh a thoirmeasg o a shlighe, gheibh an duine aingidh sin bàs na aingidheachd: ach air do làimh-sa iarraidh mise a fhuil.

An sin tachraidh, a chionn gun do pheacaich e, agus gu bheil e ciontach, gun toir e air ais an nì sin a thug e air falbh le ainneart, no an nì sin a fhuair e gu mealltach, no an nì sin a thugadh dha ra ghleidheadh, no a chailleadh agus a fhuair e,

Agus nì an sagart rèite air a shon an làthair an Tighearna: agus gheibh e maitheanas a‑thaobh gach nì dhiubh sin uile a rinn e, a’ ciontachadh annta.

An sin fhreagair Sìmon, agus thubhairt e, Guidhibh-se an Tighearna air mo shon, nach tig aon de na nithean sin a thubhairt sibh orm.

An tì a tha a’ labhairt ann an teangaidh choimhich, tha e ga theagasg fhèin: ach an tì a nì fàidheadaireachd, tha e a’ teagasg na h‑eaglais.

Dia, a labhair o shean gu minig, agus air iomadh dòigh ris na h‑athraichean leis na fàidhean,

Tha am pòsadh urramach anns na h‑uile, agus an leabaidh neo-shalach: ach air luchd-strìopachais agus adhaltranais bheir Dia breith.

Ma chì neach sam bith a bhràthair a’ peacachadh peacaidh nach eil a‑chum bàis, iarraidh e, agus bheir e beatha dha, dhaibhsan nach eil a’ peacachadh a‑chum bàis. Tha peacadh a‑chum bàis ann: a‑thaobh sin, chan eil mi ag ràdh gur còir dha guidhe.

Agus thubhairt an sluagh uile ri Samuel, Dèan ùrnaigh airson do sheirbhiseach ris an Tighearna do Dhia, a‑chum nach bàsaich sinn: oir chuir sinn ri ar peacaidhean uile an t‑olc seo, rìgh iarraidh dhuinn fhèin.

Ach air mo shon-sa, nar leigeadh Dia gum peacaichinn an aghaidh an Tighearna, le sgur de dhèanamh ùrnaigh air ur son: ach teagaisgidh mi dhuibh an t‑slighe mhath agus cheart.

Agus thubhairt Samuel, Cruinnichibh Israel uile gu Mispeh, agus nì mise ùrnaigh air ur son ris an Tighearna.

Agus thubhairt clann Israeil ri Samuel, Na sguir de ghlaodhaich ris an Tighearna ar Dia air ar son, a‑chum gun saor e sinn à làimh nam Philisteach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan