Genesis 20:5Am Bìoball Gàidhlig 1992Nach dubhairt esan riumsa, Is i mo phiuthar i? Agus thubhairt ise, eadhon ise fhèin, Is e mo bhràthair e: ann an treibhdhireas mo chridhe, agus ann an neochiontas mo làmh, rinn mi seo. Faic an caibideil |
Tha fhios agam mar an ceudna, mo Dhia, gun dearbh thusa an cridhe, agus gu bheil tlachd agad ann an treibhdhireas. Dom thaobh-sa, ann an treibhdhireas mo chridhe thug mi gu toileach uam mar thabhartas na nithean seo uile: agus a‑nis chunnaic mi le aoibhneas do shuagh, a tha an seo an làthair, a’ toirt seachad gu toileach an tabhartais dhutsa.