Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 20:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach cha tàinig Abimelech am fagas dhi: agus thubhairt e, A Thighearna, am marbh thu mar an ceudna cinneach ionraic?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

An sin thug an Tighearna air pronnasg agus teine frasadh air Sòdom agus air Gomorrah a‑nuas on Tighearna as na nèamhan:

Nach dubhairt esan riumsa, Is i mo phiuthar i? Agus thubhairt ise, eadhon ise fhèin, Is e mo bhràthair e: ann an treibhdhireas mo chridhe, agus ann an neochiontas mo làmh, rinn mi seo.

Agus thubhairt Dia ris ann an aisling, Seadh, tha fhios agam gur ann an treibhdhireas do chridhe a rinn thu seo, agus chùm mise mar an ceudna thu o pheacachadh am aghaidh: uime sin cha do leig mi leat beantainn rithe.

Nach mò gu mòr, nuair a mharbh daoine aingidh duine ionraic na thaigh fhèin air a leabaidh? Agus a‑nis nach iarr mi a fhuil-san air ur làimh-se, agus nach toir mi bhàrr na talmhainn sibh?

Agus thubhairt Daibhidh ri Dia, Nach mise a dh’àithn an sluagh àireamh? Is mise fhèin a pheacaich, agus a rinn gu ro‑olc; ach na caoraich seo, ciod a rinn iadsan? Biodh do làmh, guidheam ort, a Thighearna mo Dhia, am aghaidh-sa, agus an aghaidh taigh m’athar; ach an aghaidh do shluaigh na biodh i, gu plàigh a chur orra.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan