Agus thàinig Dia gu Abimelech ann an aisling anns an oidhche, agus thubhairt e ris, Feuch, is duine marbh thu airson na mnà a ghabh thu; oir is bean duine eile i.
A‑nis, matà, thoir air a h‑ais don duine a bhean; oir is fàidh e, agus nì e ùrnaigh air do shon, agus bidh tu beò: ach mura toir thu air a h‑ais i, biodh fhios agad gum faigh thu bàs gu cinnteach, thu fhèin agus gach uile as leat.
Agus bhruadair e; agus, feuch, fàradh air a chur suas air an talamh, agus a bhàrr a’ ruigheachd gu nèamh: agus, feuch, ainglean Dhè a’ dol suas agus a’ teachd a‑nuas air.
Agus thàinig Dia gu Làban an Sirianach ann an aisling anns an oidhche, agus thubhairt e ris, Thoir an aire nach labhair thu ri Iàcob aon chuid math no olc.
Agus chunnaic e fhathast aisling eile, agus dh’innis e da bhràithrean i, agus thubhairt e, Feuch, chunnaic mi aisling eile; agus, feuch, rinn a’ ghrian agus a’ ghealach, agus an aon-reul-deug, ùmhlachd dhomh.
Agus chunnaic iad aisling le chèile, gach fear aca a aisling fhèin anns an aon oidhche, gach fear a rèir eadar-mhìneachadh a aislinge; buidealair agus fuineadair rìgh na h‑Eiphit, a bha ceangailte anns a’ phrìosan.
Agus thubhairt iad ris, Chunnaic sinn aisling, agus chan eil neach againn a dh’eadar-mhìnicheas i. Agus thubhairt Iòseph riu, Nach ann o Dhia a tha gach eadar-mhìneachadh? Innsibh dhòmhsa iad, guidheam oirbh.
Ach aig smaoineachadh nan nithean sin dha, feuch, dh’fhoillsich aingeal an Tighearna e fhèin dha ann am bruadar, ag ràdh, A Iòseiph, a mhic Dhaibhidh, na biodh eagal ort do bhean Muire a ghabhail ad ionnsaigh: oir an nì a tha air a ghineamhainn innte, is ann on Spiorad Naomh a tha e.
Agus nuair a bha e na shuidhe air cathair a’ bhreitheanais, chuir a bhean teachdaireachd da ionnsaigh, ag ràdh, Na biodh agadsa gnothach sam bith ris an fhìrean sin: oir is mòr a dh’fhuiling mise an‑diugh ann am bruadar air a shon-san.