Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 20:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ri Sàrah thubhairt e, Feuch, thug mi mìle bonn airgid dod bhràthair: feuch, tha e dhutsa na chòmhdachadh sùl do gach uile a tha maille riut, agus maille ris gach uile: mar seo fhuair i achmhasan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus rinn Abrahàm ùrnaigh ri Dia: agus leighis Dia Abimelech agus a bhean agus a bhanoglaich; agus rug iad clann.

Nach dubhairt esan riumsa, Is i mo phiuthar i? Agus thubhairt ise, eadhon ise fhèin, Is e mo bhràthair e: ann an treibhdhireas mo chridhe, agus ann an neochiontas mo làmh, rinn mi seo.

Agus thubhairt i ris an t‑seirbhiseach, Cò e an duine seo a tha a’ sràid-imeachd anns an fhaiche gar coinneachadh? Agus thubhairt an seirbhiseach, Is e mo mhaighistir a tha ann: an sin ghabh i gnùis-bhrat, agus chòmhdaich i i fhèin.

Agus thug Abimelech àithne da shluagh uile, ag ràdh, Esan a bheanas ris an duine seo, no ra mhnaoi, gu cinnteach cuirear gu bàs e.

Esan a ghràdhaicheas fòghlam, gràdhaichidh e eòlas; ach esan a dh’fhuathaicheas achmhasan, tha e amaideach.

Mar chluas-fhàinne òir, agus mar usgair den òr fhìorghlan, tha fear-cronachaidh glic aig cluais fhurachair.

Is fheàrr achmhasan follaiseach na gràdh falaichte.

An sin thàinig maighistir na luinge da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, Ciod as ciall dhut, O thusa a tha ad chadal? Eirich, gairm air do Dhia; theagamh gun smaoinich Dia oirnn, a‑chum nach bàsaich sinn.

A mheud is as ionmhainn leam tha mi a’ cronachadh agus a’ smachdachadh; uime sin biodh agadsa teas-ghràdh, agus dèan aithreachas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan