Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 20:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a thug Dia orm dol air m’aineol o thaigh m’athar, an sin thubhairt mi rithe, Is e seo do choibhneas a nochdas tu dhòmhsa; anns gach àite don tig sinn, abair mum thimcheall, Is e mo bhràthair e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an Tighearna ri Abram, Rach a‑mach as do dhùthaich, agus od dhìlsean, agus à taigh d’athar, don tìr a nochdas mise dhut.

Agus dh’imich Abram, a’ sìor dhol air aghaidh mu dheas.

Agus gidheadh is i gu deimhinn mo phiuthar, nighean m’athar, i, ach chan i nighean mo mhàthar; agus bha i agam mar mhnaoi.

Nach dubhairt esan riumsa, Is i mo phiuthar i? Agus thubhairt ise, eadhon ise fhèin, Is e mo bhràthair e: ann an treibhdhireas mo chridhe, agus ann an neochiontas mo làmh, rinn mi seo.

Gabhaidh iad misneach dhaibh fhèin ann an droch-bheairt; labhraidh iad le chèile mu leagadh ribeachan gu diamhair; is e a their iad, Cò a chì sinn?

An sin thubhairt Peadar rithe, Carson a cho-aontaich sibh Spiorad an Tighearna a dhearbhadh? Feuch, tha casan na muinntir a dh’adhlaic d’fhear aig an doras, agus giùlainidh iad thusa a‑mach.

Tre chreideamh, nuair a ghairmeadh Abrahàm gu dol a‑mach do ionad a bha e gu fhaotainn an dèidh sin mar oighreachd, fhreagair e; agus dh’imich e a‑mach gun fhios a bhith aige càit an robh e a’ dol.

Agus thubhairt Saul, Beannaichte gu robh sibhse on Tighearna, oir ghabh sibh truas rium.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan