Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 20:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus gidheadh is i gu deimhinn mo phiuthar, nighean m’athar, i, ach chan i nighean mo mhàthar; agus bha i agam mar mhnaoi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus ghabh Abram agus Nàhor mnathan dhaibh fhèin: b’e ainm bean Abraim Sàrai; agus ainm bean Nahoir Milcah, nighean Hàrain, athair Mhilcah, agus athair Iscah.

Abair, guidheam ort, gur tu mo phiuthar, a‑chum gun èirich gu math dhomh air do sgàth-sa; agus bidh m’anam beò air do shon-sa.

Agus thubhairt Abrahàm, A chionn gun dubhairt mi annam fhèin, Gu cinnteach chan eil eagal an Tighearna anns an ionad seo; agus marbhaidh iad mi airson mo mhnà.

Agus nuair a thug Dia orm dol air m’aineol o thaigh m’athar, an sin thubhairt mi rithe, Is e seo do choibhneas a nochdas tu dhòmhsa; anns gach àite don tig sinn, abair mum thimcheall, Is e mo bhràthair e.

Agus thubhairt Abrahàm mu Shàrah a bhean, Is i mo phiuthar i: agus chuir Abimelech righ Ghèrair teachdaire uaithe, agus ghabh e Sàrah.

Agus dh’fhiosraich daoine an àite dheth ma mhnaoi; agus thubhairt e, Is i mo phiuthar i: oir bha eagal air a ràdh, Is i mo bhean i; air eagal, arsa esan, gum marbhadh daoine an àite mi airson Rebecah, do bhrìgh gu robh i maiseach ri amharc oirre.

Agus mise, càit an cuir mi air falbh mo mhasladh? Agus air do shon-sa, bidh tu mar aon de na h‑amadain ann an Israel: a‑nis uime sin labhair, guidheam ort, ris an rìgh; oir cha chùm e uat mi.

Seachnaibh gach uile choslas uilc.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan