Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 20:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’imich Abrahàm as a sin don tìr mu dheas, agus ghabh e còmhnaidh eadar Cadeis agus Sur, agus bha e air chuairt ann an Gèrar.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus bha crìoch nan Canàanach o Shìdon, mar a thig thu gu Gèrar, gu ruig Gadsa, mar a thèid thu gu Sòdom agus Gomorrah, agus Admah, agus Seboim gu ruig Lasa.

Agus dh’imich Abram, a’ sìor dhol air aghaidh mu dheas.

Agus chaidh Abram suas as an Eiphit, e fhèin, agus a bhean, agus gach nì a bha aige, agus Lot maille ris, don taobh mu dheas.

Agus thill iad, agus thàinig iad gu En‑mispat, eadhon Cadeis, agus bhuail iad dùthaich nan Amaleceach uile, agus mar an ceudna na h‑Amoraich, a bha a chòmhnaidh ann an Haseson Tàmar.

A‑nis cha do rug Sàrai bean Abraim clann dha: agus bha banoglach Eiphiteach aice, dom b’ainm Hàgar.

Uime sin ghoir i den tobar, Beerlahai-roi; feuch, tha e eadar Cadeis agus Bered.

Agus fhuair aingeal an Tighearna i làimh ri tobar uisge anns an fhàsach, làimh ris an tobar anns an t‑slighe gu Sur.

Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha ann an còmhnard Mhamre, agus e na shuidhe an doras a’ bhùtha ann an teas an là;

Agus bha Abrahàm air chuairt ann an tìr nam Philisteach mòran de làithean.

Agus bha Isaac a’ teachd o shlighe an tobair Lahai-roi; oir bha e a chòmhnaidh anns an tìr mu dheas.

Agus ghabh iad còmhnaidh o Habhilah gu ruig Sur, a tha fa chomhair na h‑Eiphit, mar a thèid thu gu Asiria. An làthair a bhràithrean uile fhuair e bàs.

Agus bha gorta anns an tìr a bharrachd air a’ chiad ghorta a bha ann an làithean Abrahàim: agus chaidh Isaac gu Abimelech rìgh nam Philisteach, do Ghèrar.

Agus rinn buachaillean Ghèrair connsachadh ri buachaillean Isaaic, ag ràdh, Is leinne an t‑uisge: agus thug e Esec mar ainm air an tobar, a chionn gun do rinn iad connsachadh ris.

An sin chaidh Abimelech da ionnsaigh o Ghèrar, agus a charaid Ahudsat, agus Phichol, àrd-cheannard a shluaigh.

Agus ghabh Isaac còmhnaidh ann an Gèrar.

Crathaidh guth an Tighearna am fàsach; crathaidh an Tighearna fàsach Chadeis.

Mar sin thug Maois Israel on mhuir ruaidh, agus chaidh iad a‑mach gu fàsach Shuir, agus dh’imich iad trì làithean anns an fhàsach, agus cha d’fhuair iad uisge.

Agus dh’imich iad, agus thàinig iad gu Maois, agus gu Aaron, agus gu co‑chruinneachadh chloinn Israeil uile, gu fàsach Phàrain, gu Cadeis; agus thug iad leo fios dan ionnsaigh, agus a dh’ionnsaigh a’ cho-chruinneachaidh uile, agus dh’fheuch iad dhaibh toradh na tìre.

Agus nuair a ghlaodh sinn ris an Tighearna, chuala e ar guth, agus chuir e aingeal uaithe, agus thug e a‑mach sinn as an Eiphit; agus, feuch, tha sinn ann an Cadeis, baile anns a’ chuid as iomallaiche ded chrìch.

Agus nuair a dh’fhalbh sinn o Hòreb, chaidh sinn tron fhàsach mhòr agus uamhasach sin uile, a chunnaic sibh air slighe sliabh nan Amorach, a rèir mar a dh’àithn an Tighearna ar Dia dhuinn; agus thàinig sinn gu Cadeis-barnea.

A chionn gun do chiontaich sibh am aghaidh-sa am measg chloinn Israeil, aig uisgeachan Mheribah-Cadeis, ann am fàsach Shin; do bhrìgh nach do naomhaich sibh mi am meadhon chloinn Israeil.

Agus bhuail Saul na h‑Amalecich o Habhilah gus an tig thu gu Sur, a tha fa chomhair na h‑Eiphit.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan