Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 2:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug an Tighearna Dia air gach uile chraoibh fàs as an talamh a tha taitneach don t‑sealladh, agus math a‑chum bìdh; craobh na beatha mar an ceudna ann am meadhon a’ ghàrraidh, agus craobh eòlas a’ mhaith agus an uilc.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Ach de chraoibh eòlas a’ mhaith agus an uilc, chan ith thu dhith sin; oir anns an là a dh’itheas tu dhith, gu cinnteach bàsaichidh tu.

Agus thubhairt an Tighearna Dia, Feuch, tha an duine air fàs mar aon dhinn fhèin, fiosrach air math agus olc. Agus a‑nis, air eagal gun sìneadh e a‑mach a làmh, agus gun gabhadh e mar an ceudna de chraoibh na beatha, agus gun itheadh e, agus gum biodh e beò gu sìorraidh:

Agus dh’fhògair e a‑mach an duine; agus shuidhich e anns an taobh an ear de ghàrradh Edein ceruban, agus claidheamh lasrach a bha a’ tionndadh air gach làimh, a ghleidheadh slighe craobh na beatha.

Ach de mheas na craoibhe a tha ann am meadhon a’ ghàrraidh, thubhairt Dia, Chan ith sibh dheth, agus cha bhean sibh ris, a‑chum nach faigh sibh bàs.

Oir tha fhios aig Dia, anns an là a dh’itheas sibh dheth, gum fosglar ur sùilean, agus gum bi sibh mar dhiathan, fiosrach air math agus air olc.

Is craobh beatha toradh an fhìrein; agus tha esan a chosnas anaman glic.

Is craobh beatha i dhaibhsan a nì greim oirre, agus is sona iadsan a ghleidheas i.

A bheir gu neoni comharraidhean nam mealltairean, agus a chuireas na fiosaichean air a’ chuthach; a thilleas daoine glice air an ais, agus a thionndaidheas an eòlas gu amaideachd;

Oir dh’earb thu à d’aingidheachd; thubhairt thu, Chan eil neach gam fhaicinn; chuir eadhon do ghliocas agus d’eòlas air seachran thu; air chor is gun dubhairt thu ann ad chridhe, Tha mi, agus chan eil ann ach mi.

Thug mi air na cinnich criothnachadh ri fuaim a leagaidh, nuair a thilg mi e sìos don ionad ìochdarach, leòsan a thèid sìos don t‑sloc: agus bidh an comhfhurtachd ann an ionadan ìochdarach na talmhainn aig uile chraobhan Edein, rogha agus tagha Lebanoin, na h‑uile a tha ag òl suas an uisge.

Cò, matà, ris an cosmhail thusa mar seo ann an glòir, agus ann am mòrachd am measg chraobhan Edein? Gidheadh, bheirear sìos thu maille ri craobhan Edein gu àiteachan ìochdarach na talmhainn: laighidh tu ann am meadhon na muinntir neo-thimcheall-gheàrrte, maille riùsan a mharbhadh leis a’ chlaidheamh. Seo Phàraoh agus a mhòr-chuideachd uile, deir an Tighearna Dia.

Agus air taobh na h‑aibhne, air a bruaich, air an taobh seo, agus air an taobh eile, fàsaidh na h‑uile chraobhan airson bìdh, aig nach bi an duilleach air seargadh, no an toradh air a chaitheamh: bheir e a‑mach toradh nuadh a rèir a mhìosan, do bhrìgh gun do shruth uisgeachan a‑mach on ionad naomh; agus bidh a thoradh airson bìdh, agus a dhuilleach airson leighis.

Is mise aran na beatha.

A‑nis a‑thaobh nithean a dh’ìobradh do iodhalan, tha fhios againn gu bheil eòlas againn uile. Ataidh an t‑eòlas suas, ach bheir gràdh fòghlam.

Agus bidh e na fhìreantachd dhuinn, ma bheir sinn fa‑near na h‑àitheantan seo uile a dhèanamh, an làthair an Tighearna ar Dia, mar a dh’àithn e dhuinn.

An tì aig a bheil cluas, èisdeadh e ciod a tha an Spiorad ag ràdh ris na h‑eaglaisean: Don tì a bhuadhaicheas bheir mise ri ithe de chraoibh na beatha, a tha ann am meadhon Pàrras Dhè.

Is beannaichte iadsan a nì a àitheantan-san, a‑chum gum bi còir aca air craoibh na beatha, agus gun tèid iad a‑steach tre na geatachan don bhaile.

Ann am meadhon sràid na cathrach, agus air gach taobh den abhainn, bha craobh na beatha, a’ giùlan dà‑thoradh-dheug, agus a’ toirt a toraidh uaipe gach uile mhìos; agus bha duilleach na craoibhe a‑chum leigheas nan cinneach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan