Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 2:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus shuidhich an Tighearna Dia gàrradh ann an Eden, anns an àird an ear; agus chuir e an sin an duine a dhealbh e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus thog Lot suas a shùilean, agus chunnaic e còmhnard Iòrdain uile, gu robh e gu lèir air uisgeachadh gu math, mun do sgrios an Tighearna Sòdom agus Gomorrah, eadhon mar ghàrradh an Tighearna, cosmhail ri talamh na h‑Eiphit, mar a thig thu gu Sòar.

Air an adhbhar sin chuir an Tighearna Dia a‑mach e à gàrradh Edein, a shaothrachadh na talmhainn as an tugadh e.

Agus dh’fhògair e a‑mach an duine; agus shuidhich e anns an taobh an ear de ghàrradh Edein ceruban, agus claidheamh lasrach a bha a’ tionndadh air gach làimh, a ghleidheadh slighe craobh na beatha.

Agus chaidh Càin a‑mach à làthair an Tighearna, agus ghabh e còmhnaidh ann an tìr Nod, an taobh an ear de Eden.

An do shaor diathan nan cinneach iadsan a sgrios m’athraichean-sa, eadhon Gosan, agus Hàran, agus Reseph, agus clann Edein a bha ann an Telasar?

Oir bheir an Tighearna comhfhurtachd do Shion; bheir e comhfhurtachd da ionadan fàsail uile; agus nì e a fàsach mar Eden, agus a dìthreabh mar ghàrradh an Tighearna; gheibhear aoibhneas agus subhachas innte, breith-buidheachais agus fonn ciùil.

B’iad Haran agus Canneh, agus Eden, ceannaichean Shèba, Asuir, agus Chìlmaid, do cheannaichean-sa.

Bha thu ann an Eden, gàrradh Dhè; b’e do chòmhdach gach uile chlach luachmhor, an sardias, an topas, agus an daoimean, am beril, an onics, agus an iasper, an saphir, an t‑emerald, agus an carbuncal, agus an t‑òr: ghleusadh obair do thiompan agus do phìoban annad anns an là anns an do chruthaicheadh thu.

Thug mi air na cinnich criothnachadh ri fuaim a leagaidh, nuair a thilg mi e sìos don ionad ìochdarach, leòsan a thèid sìos don t‑sloc: agus bidh an comhfhurtachd ann an ionadan ìochdarach na talmhainn aig uile chraobhan Edein, rogha agus tagha Lebanoin, na h‑uile a tha ag òl suas an uisge.

Cò, matà, ris an cosmhail thusa mar seo ann an glòir, agus ann am mòrachd am measg chraobhan Edein? Gidheadh, bheirear sìos thu maille ri craobhan Edein gu àiteachan ìochdarach na talmhainn: laighidh tu ann am meadhon na muinntir neo-thimcheall-gheàrrte, maille riùsan a mharbhadh leis a’ chlaidheamh. Seo Phàraoh agus a mhòr-chuideachd uile, deir an Tighearna Dia.

Romhpa tha teine ri sgrios, agus nan dèidh tha lasair a’ losgadh: tha am fearann mar ghàrradh Edein romhpa, agus nan dèidh na fhàsach uaigneach; seadh, cha bhi dol as aig aon nì uapa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan