Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 2:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dhealbh an Tighearna Dia an duine de dhuslach na talmhainn: agus shèid e ann an cuinneinean a shròine anail na beatha; agus dh’fhàs an duine na anam beò.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

33 Iomraidhean Croise  

Agus chruthaich Dia an duine na dhealbh fhèin, ann an dealbh Dhè chruthaich e e: fireannach agus boireannach chruthaich e iad.

Ach chaidh ceò suas on talamh, agus dh’uisgich e aghaidh na talmhainn uile.

Am fallas do ghnùise ithidh tu aran, gus an till thu a dh’ionnsaigh na talmhainn; oir aisde thugadh thu: oir is duslach thu, agus gu duslach tillidh tu.

Air an adhbhar sin chuir an Tighearna Dia a‑mach e à gàrradh Edein, a shaothrachadh na talmhainn as an tugadh e.

Gach nì aig an robh anail na beatha ann an cuinneinean a shròine, de na h‑uile a bha air an talamh thioram, dh’eug iad.

Cho fad is a bhios m’anail annam, agus spiorad Dhè ann am chuinneinean,

Rinn spiorad Dhè mi, agus thug anail an Uile-chumhachdaich beatha dhomh.

Feuch, tha mise, mar a tha thu fhèin, o Dhia; as a’ chrèidh dhealbhadh mise mar an ceudna.

Nach lugha na sin asdasan, a tha nan còmhnaidh ann an taighean creadha, aig a bheil am bunait anns an duslach, a bhruthar ron leòmann?

Biodh fhios agaibh gur e an Tighearna as Dia ann; is e a rinn sinn, agus cha sinn fhèin; is sinn a shluagh, agus caoraich a ionaltraidh-san.

Oir is aithne dha ar dealbh; is cuimhne leis gur duslach sinn.

Is e spiorad duine lòchran an Tighearna, a’ sgrùdadh gach ionaid an taobh a‑staigh den chom.

An sin tillidh an duslach a‑chum na talmhainn mar a bha e; agus tillidh an spiorad a‑chum Dhè, a thug uaithe e.

Am gu reubadh, agus àm gu fuaigheal; àm gu bhith tosdach, agus àm gu labhairt;

Leigibh dhibh ur dùil ri duine, aig a bheil a anail na chuinneanan; oir ciod am fàth mun gabhar meas dheth?

Ach a‑nis, O Thighearna, is tusa ar n‑Athair; is sinne a’ chriadh, agus is tusa ar fear-deilbh; agus is sinne uile obair do làimhe.

Ghlacadh nan slocan anail ar cuinneinean, tì ungte an Tighearna, mun dubhairt sinn, Fo a sgàil mairidh sinn beò am measg nan cinneach.

Mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh ris na cnàmhan seo, Feuch, cuiridh mise anail annaibh, agus bidh sibh beò.

Agus cuiridh mi fèithean oirbh, agus bheir mi air feòil fàs oirbh, agus còmhdaichidh mi sibh le craiceann, agus cuiridh mi anail annaibh; agus bidh sibh beò, agus aithnichidh sibh gur mi an Tighearna.

Fàistneachd facal an Tighearna. A‑thaobh Israeil, tha an Tighearna ag ràdh, a tha a’ sgaoileadh a‑mach nan nèamh, agus a’ suidheachadh stèidh na talmhainn, agus a’ cruthachadh spiorad duine an taobh a‑staigh dheth:

Agus thuit iad air an aghaidh, agus thubhairt iad, O Dhè, Dia spioradan gach uile fheòla, am peacaich aon duine, agus am bi fearg agad ris a’ cho-chruinneachadh uile?

Cuireadh an Tighearna, Dia spioradan na h‑uile fheòla, duine os cionn a’ cho-chruinneachaidh;

Agus air dha seo a ràdh, shèid e orra, agus thubhairt e riu, Gabhaibh-se an Spiorad Naomh.

Cha mhò a bheirear adhradh dha le làmhan dhaoine, mar gum biodh uireasbhaidh nì sam bith air; oir is e fhèin a tha a’ toirt do na h‑uile beatha, agus anail, agus nan uile nithean:

Chan eadh ach, O dhuine, cò thusa a tha a’ tagradh an aghaidh Dhè? An abair an nì a chumadh ris an tì a chùm e, Carson a rinn thu mi mar seo?

Agus mar seo tha e sgrìobhte, Rinneadh an ciad dhuine Adhamh na anam beò, an t‑Adhamh deireannach na Spiorad a bheothaicheas.

An ciad duine on talamh, talmhaidh: an dara duine, an Tighearna o nèamh.

Ach tha an t‑ionmhas seo againn ann an soithichean creadha, a‑chum gum bi òirdheirceas a’ chumhachd o Dhia, agus chan ann uainne.

Oir tha fhios againn, nan sgaoilte o chèile ar taigh talmhaidh a’ phàillein seo, gu bheil againn aitreabh o Dhia, taigh nach do thogadh le làmhan, sìorraidh anns na nèamhan.

Oir is e Adhamh a chruthaicheadh air tùs, agus na dhèidh sin Eubha.

Os bàrr, bha againn athraichean a‑thaobh na feòla, a smachdaich sinn, agus thug sinn urram dhaibh: nach mò gu mòr is còir dhuinn a bhith umhail do Athair nan spiorad, agus a bhith beò?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan