Genesis 2:2Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus chrìochnaich Dia air an t‑seachdamh là a obair a rinn e; agus ghabh e fois air an t‑seachdamh là o a obair uile a rinn e. Faic an caibideil |
Ma thilleas tu air falbh do chas on t‑sàbaid, o do thoil fhèin a dhèanamh air mo là naomh-sa; agus gun abair thu ris an t‑sàbaid, Toil-inntinn; ri là naomh an Tighearna, Urramach; agus gun tabhair thu onoir dhi, gun a bhith a’ leantainn do shlighean fhèin, no a’ gabhail do shòlais fhèin, no a’ labhairt do bhriathran fhèin;
Ach air an t‑seachdamh là tha sàbaid an Tighearna do Dhia: air an là seo cha dèan thu obair sam bith, thu fhèin, no do mhac, no do nighean, no d’òglach, no do bhanoglach, no do dhamh, no d’asal, no aon air bith ded sprèidh, no do choigreach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan; a‑chum is gun gabh d’òglach agus do bhanoglach fois cho math riut fhèin.