Agus thubhairt Dia, Feuch, thug mi dhuibh gach luibh a ghineas sìol, a tha air aghaidh na talmhainn uile, agus gach craobh anns a bheil meas craoibhe a ghineas sìol; dhuibhse bidh e mar bhiadh.
Agus thug an Tighearna Dia air gach uile chraoibh fàs as an talamh a tha taitneach don t‑sealladh, agus math a‑chum bìdh; craobh na beatha mar an ceudna ann am meadhon a’ ghàrraidh, agus craobh eòlas a’ mhaith agus an uilc.
Thoir àithne do na daoine a tha saoibhir anns an t‑saoghal seo gun iad a bhith àrd-inntinneach, agus gun dòchas a chur ann an saoibhreas neo-chinnteach, ach anns an Dia bheò, a tha a’ toirt dhuinn nan uile nithean gu saoibhir rim mealtainn:
Agus thubhairt Samuel, A bheil tlachd aig an Tighearna ann an tabhartasan-loisgte agus an ìobairtean, mar ann an ùmhlachd do ghuth an Tighearna? Feuch, is fheàrr ùmhlachd na ìobairt, agus aire a thabhairt na saill reitheachan.