Agus ghabh an Tighearna Dia an duine, agus chuir e e ann an gàrradh Edein, ga shaothrachadh agus ga ghleidheadh.
Agus is e ainm na treas aibhne Hidecel: is i sin a tha a’ dol don taobh an ear de Asiria. Agus is i an ceathramh abhainn Euphràtes.
Agus dh’àithn an Tighearna Dia don duine, ag ràdh, De gach uile chraoibh anns a’ ghàrradh faodaidh tu ithe gu saor:
Agus chrìochnaich Dia air an t‑seachdamh là a obair a rinn e; agus ghabh e fois air an t‑seachdamh là o a obair uile a rinn e.
Agus shuidhich an Tighearna Dia gàrradh ann an Eden, anns an àird an ear; agus chuir e an sin an duine a dhealbh e.
Ma cheil mi, mar Adhamh, m’easaontais, lem euceart fhalach am uchd:
Oir ithidh tu toradh do làmh; sona bidh tu, agus èiridh gu math dhut.
An tì a ghoid, na goideadh e nas mò: ach gum b’fheàrr leis saothair a dhèanamh, ag obrachadh an nì a tha math le a làmhan, a‑chum gum bi aige nì ri phàirteachadh ris an neach air a bheil uireasbhaidh.