Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 2:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus is e ainm na treas aibhne Hidecel: is i sin a tha a’ dol don taobh an ear de Asiria. Agus is i an ceathramh abhainn Euphràtes.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

As an tìr sin chaidh a‑mach Asur, agus thog e Ninebheh, agus baile Rehobot, agus Calah,

Clann Sheim: Elam, agus Asur, agus Arphacsad, agus Lud, agus Aram.

Air an là sin fhèin rinn an Tighearna coicheangal ri Abram, ag ràdh, Dod shliochd-sa thug mi am fearann seo, o abhainn na h‑Eiphit gu ruig an abhainn mhòr, abhainn Euphràtes:

Agus is e ainm na dara aibhne Gihon: is i sin a tha a’ cuartachadh tìr Chuis uile.

Agus ghabh an Tighearna Dia an duine, agus chuir e e ann an gàrradh Edein, ga shaothrachadh agus ga ghleidheadh.

Agus ghabh iad còmhnaidh o Habhilah gu ruig Sur, a tha fa chomhair na h‑Eiphit, mar a thèid thu gu Asiria. An làthair a bhràithrean uile fhuair e bàs.

Na Bàbilonaich, agus na Caldèanaich uile, Pecod, agus Soa, agus Coa, na h‑Asirianaich uile maille riu: iad uile nan daoine àillidh, cinn-fheadhna, agus luchd-riaghlaidh, tighearnan mòra agus iomraiteach, iad uile a’ marcachd air eich.

Agus air a’ cheathramh-là‑fichead den chiad mhìos, nuair a bha mi ri taobh na h‑aibhne mòire, Hidecel;

Tillibh agus gabhaibh ur turas, agus rachaibh a‑chum sliabh nan Amorach, agus a‑chum nan ionadan uile am fagas dha anns a’ chòmhnard, anns a’ mhonadh, agus anns an t‑srath, agus mu dheas, agus ri taobh na fairge, gu fearann nan Canàanach, agus gu Lebanon, a dh’ionnsaigh na h‑aibhne mòire, abhainn Euphràtes.

Gach àit air an saltair buinn ur cas, is leibhse: on fhàsach, agus Lebanon, on abhainn, an abhainn Euphràtes, eadhon gus an fhairge as fhaide a‑mach, bidh ur crìoch.

Ag ràdh ris an t‑siathamh aingeal aig an robh an trompaid, Fuasgail na ceithir aingil a tha ceangailte aig an abhainn mhòir Euphràtes.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan