Is e ainm na ciad aibhne Pison; seo i a tha a’ cuartachadh tìr Habhilah uile, far a bheil òr.
Agus Ophir, agus Habhilah, agus Iobab: b’iad sin uile mic Ioctain.
Agus mic Chuis: Sèba, agus Habhilah, agus Sabtah, agus Raamah; agus Sabtecha: agus mic Raamah: Sèba, agus Dedan.
Agus tha òr na tìre sin math: an sin tha bdellium agus a’ chlach onics.
Agus is e ainm na dara aibhne Gihon: is i sin a tha a’ cuartachadh tìr Chuis uile.
Agus ghabh iad còmhnaidh o Habhilah gu ruig Sur, a tha fa chomhair na h‑Eiphit, mar a thèid thu gu Asiria. An làthair a bhràithrean uile fhuair e bàs.
Agus Ophir, agus Habhilah, agus Iobab. B’iad sin uile mic Ioctain.
Gu cinnteach tha dol a‑mach aig an airgead, agus àit aig an òr anns an leagh iad e.
Tha Ephraim gam chuartachadh le breugan: agus taigh Israeil, le ceilg; ach fhathast tha Iùdah a’ riaghladh maille ri Dia; agus tha e dìleas maille ris na naoimh.
Agus bhuail Saul na h‑Amalecich o Habhilah gus an tig thu gu Sur, a tha fa chomhair na h‑Eiphit.