Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 2:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chrìochnaicheadh na nèamhan agus an talamh, agus an sluagh uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

34 Iomraidhean Croise  

Anns an toiseach chruthaich Dia na nèamhan agus an talamh.

Agus thug Dia mar ainm air an tìr thioraim Talamh; agus air cruinneachadh nan uisgeachan thug e mar ainm Fairgeachan: agus chunnaic Dia gu robh e math.

Is iad seo ginealaichean nan nèamh agus na talmhainn nuair a chruthaicheadh iad, anns an là anns an do rinn an Tighearna Dia an talamh agus na nèamhan.

Agus rinn Heseciah ùrnaigh an làthair an Tighearna, agus thubhairt e, O Thighearna Dhè Israeil, a tha ad chòmhnaidh eadar na ceruban, is tu fhèin Dia, thusa ad aonar, Dia uile rìoghachdan na talmhainn: is tu a rinn na nèamhan agus an talamh.

Thubhairt Huram mar an ceudna, Beannaichte gu robh an Tighearna Dia Israeil a rinn nèamh agus talamh, a thug do Dhaibhidh an rìgh mac glic, aig a bheil eòlas agus tuigse, a thogadh taigh don Tighearna, agus taigh da rìoghachd.

Is tusa, is tusa ad aonar an Tighearna: rinn thu na nèamhan, nèamhan nan nèamh agus an slòigh uile, an talamh agus gach nì a tha air, na cuantan agus gach nì a tha annta, agus tha thu gan cumail suas uile; agus tha slòigh nan nèamh a’ dèanamh adhraidh dhut.

Cò aig nach eil fhios a‑thaobh nan nithean seo uile, gur i làmh an Tighearna a rinn seo,

Tha thu a’ cur solais umad mar thrusgan, a’ sìneadh a‑mach nan nèamh mar chùirtean.

A rinn nèamh agus talamh, a’ mhuir agus gach nì a tha annta; a ghleidheas fìrinn gu bràth;

Le facal an Tighearna rinneadh na nèamhan, agus le anail a bheòil an slòigh uile.

Oir labhair e agus bha e ann; dh’àithn e, agus sheas e.

Oir ann an sia làithean rinn an Tighearna na nèamhan agus an talamh, an fhairge, agus gach nì a tha annta; agus ghabh e fois air an t‑seachdamh là: air an adhbhar sin, bheannaich an Tighearna là na sàbaid, agus naomhaich e e.

Eadar mise agus clann Israeil is comharradh i a‑chaoidh; oir ann an sia làithean rinn an Tighearna na nèamhan agus an talamh, agus air an t‑seachdamh là sguir e, agus ghabh e fois.

Agus crìonaidh feachd nèimh gu lèir air falbh, agus fillear na nèamhan air a chèile mar dhuilleig leabhair; agus tuitidh am feachd uile sìos, mar a thuiteas an duilleag sheargte on fhìonain, agus mar am meas làn-abaich on chrann-fhìge.

Mar seo deir an Tighearna Dia, esan a chruthaich na nèamhan, agus a shìn a‑mach iad; a sgaoil a‑mach an talamh agus na chinneas as; a tha a’ tabhairt anail don t‑sluagh a tha air, agus deò dhaibhsan a tha ag imeachd air:

Is mise a rinn an talamh, agus chruthaich mi an duine air; is iad mo làmhan a shìn a‑mach na nèamhan; agus dom feachd uile thug mi àithne.

Oir mar seo deir an Tighearna, a chruthaich na nèamhan; esan, eadhon Dia, a dhealbh an talamh agus a rinn e, esan a dhaingnich e (cha do chruthaich e gu dìomhain e, dhealbh e e gu bhith air àiteachadh): Is mise an Tighearna, agus chan eil atharrachadh ann.

Is i mo làmh a leag stèidh na talmhainn, agus rèis mo dheaslàimhe a thomhais na nèamhan; bheir mi gairm dhaibh, seasaidh iad suas le chèile.

Oir mar tha na nèamhan àrd seach an talamh, mar sin tha mo shlighean-sa àrd seach ur slighean-se, agus mo smuaintean-sa seach ur smuaintean-se.

Oir feuch, cruthaichidh mi nèamhan nuadha agus talamh nuadh; agus cha chuimhnichear iad sin a bha ann roimhe, agus cha tig iad ann an aire don duine.

Rinn esan an talamh le a chumhachd, shocraich e an saoghal le a ghliocas, agus le a thuigse sgaoil e a‑mach na nèamhan.

Cha chosmhail riu seo cuibhreann Iàcoib; oir is esan fear-cumaidh an domhain, agus is e Israel slat a oighreachd; Tighearna nan sluagh is ainm dha.

Agus sgaoilidh iad iad mu choinneamh na grèine agus na gealaich agus uile fheachd nèimh, don tug iad spèis, agus don do rinn iad seirbhis, agus air an robh iad a’ leanmhainn, agus a bha iad ag iarraidh, agus don tug iad adhradh: cha chruinnichear iad, chan adhlaicear iad; nan aolach bidh iad air aghaidh na talmhainn.

Fàistneachd facal an Tighearna. A‑thaobh Israeil, tha an Tighearna ag ràdh, a tha a’ sgaoileadh a‑mach nan nèamh, agus a’ suidheachadh stèidh na talmhainn, agus a’ cruthachadh spiorad duine an taobh a‑staigh dheth:

Agus air ball bha maille ris an aingeal cuideachd mhòr de armailtean nèimh, a’ moladh Dhè, agus ag ràdh,

Agus nuair a chuala iadsan seo, thog iad suas a dh’aon inntinn an guth ri Dia, agus thubhairt iad, A Thighearna, is tusa an Dia a rinn nèamh agus talamh, agus an fhairge, agus na h‑uile nithean a tha annta:

An sin thill Dia, agus thug e thairis iad a‑chum adhradh a dhèanamh do armailt nèimh, a rèir mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar nam fàidhean, An tug sibh dhòmhsa beathaichean marbhte, agus ìobairtean rè dà‑fhichead bliadhna anns an fhàsach, O thaigh Israeil?

Agus gun deachaidh e agus gun do rinn e seirbhis do dhiathan eile, agus gun do rinn e adhradh dhaibh, aon chuid don ghrèin, no don ghealaich, no do uile armailt nèimh, nach d’àithn mise;

Agus air eagal gun tog thu suas do shùilean ri nèamh, agus nuair a chì thu a’ ghrian, agus a’ ghealach, agus na reultan, eadhon slòigh nèimh uile, gun tàirngear thu gu cromadh sìos dhaibh, agus gu adhradh a dhèanamh dhaibh, a roinn an Tighearna do Dhia ris gach cinneach a tha fo nèamh uile.

Oir tha sinne a chreid a’ dol a‑steach do shuaimhneas, amhail a thubhairt e, Mar a thug mi mo mhionnan am fheirg, nach tèid iad a‑steach dom shuaimhneas: ged bha na h‑obraichean crìochnaichte o thoiseach an t‑saoghail.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan