Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 19:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Feuch a‑nis, tha agam dithis nighean do nach b’aithne fear; leigibh leam, guidheam oirbh, an toirt a‑mach dur n‑ionnsaigh, agus dèanaibh riu mar as àill leibh: a‑mhàin air na daoine seo na dèanaibh a’ bheag, oir is ann a‑chum na crìche seo a thàinig iad fo sgàil mo thaighe-sa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus bheir mise an seo greim arain, agus neartaichibh ur cridhe: an dèidh sin imichidh sibh romhaibh: oir is ann uime sin a thàinig sibh a dh’ionnsaigh ur seirbhisich. Agus thubhairt iadsan, Dèan eadhon mar a thubhairt thu.

Agus thubhairt e, Na dèanaibh, guidheam oirbh, mo bhràithrean, gnìomh cho olc.

Agus labhair Reuben ra athair, ag ràdh, Cuir gu bàs mo dhithis mhac, mura toir mi ad ionnsaigh e: thoir thairis dom làimh-sa e, agus bheir mise ad ionnsaigh a‑rìs e.

Agus thubhairt Aaron, Na lasadh fearg mo thighearna: is aithne dhut an sluagh, gu bheil iad so‑aomaidh a dh’ionnsaigh an uilc.

Esan a bheir achmhasan do fhear-fochaid, gheibh e dha fhèin masladh; agus esan a chronaicheas an t‑aingidh, gheibh e dha fhèin smal.

Nach e d’aran a roinn ris an acrach, agus aoidheachd a thoirt do na bochdan seachranach; nuair a chì thu an lomnochd gun còmhdaich thu e; agus nach falaich thu thu fhèin od fheòil fhèin?

Oir cha robh fhios aige ciod a theireadh e: oir bha iad fo eagal ro‑mhòr.

Agus carson nach dèan sinn olc, a‑chum gun tig math as? (mar a labhrar gu toibheumach umainn, agus mar a thubhairt cuid gu bheil sinn ag ràdh), muinntir dom bheil an dìteadh a rèir ceartais.

Agus chaidh an duine, maighistir an taighe, a‑mach dan ionnsaigh, agus thubhairt e riu, Na dèanaibh, mo bhràithrean, na dèanaibh, guidheam oirbh, cho olc; an dèidh don duine seo teachd a dh’ionnsaigh mo thaighe-sa, na dèanaibh an nì gràineil seo.

Feuch, mo nighean, maighdeann, agus a choileabach, iadsan bheir mi a‑mach a‑nis, agus ìslichibh-se iad, agus dèanaibh riu an nì sin a tha nur sùilean: ach air an duine seo na dèanaibh nì cho gràineil.

Agus thubhairt an dris ris na craobhan, Mas e is da‑rìribh gun ung sibh mise am rìgh oirbh, thigibh, cuiribh ur dòchas am sgàil-sa: agus mura dèan sibh seo, thigeadh teine a‑mach as an dris, agus loisgeadh e seudair Lebanoin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan