Feuch a‑nis, tha agam dithis nighean do nach b’aithne fear; leigibh leam, guidheam oirbh, an toirt a‑mach dur n‑ionnsaigh, agus dèanaibh riu mar as àill leibh: a‑mhàin air na daoine seo na dèanaibh a’ bheag, oir is ann a‑chum na crìche seo a thàinig iad fo sgàil mo thaighe-sa.
Mar an ceudna ma laigheas duine le fear, mar a laigheas e le mnaoi, rinn iad le chèile gràinealachd: cuirear gu cinnteach gu bàs iad; bidh am fuil orra fhèin.
Agus rinn e a dh’aon fhuil uile chinnich dhaoine, a‑chum iad a ghabhail còmhnaidh air aghaidh na talmhainn uile, agus shònraich e na h‑àmannan ro‑òrdaichte, agus crìochan an àite-còmhnaidh;
Amhail a tha Sòdom agus Gomorrah, agus na bailtean mun cuairt orra, a thug iad fhèin thairis do strìopachas air a’ mhodh cheudna, agus a bha a’ leantainn feòla coimhich, air an cur suas nam ball-sampaill, a’ fulang dìoghaltas teine shìorraidh.
Agus chaidh an duine, maighistir an taighe, a‑mach dan ionnsaigh, agus thubhairt e riu, Na dèanaibh, mo bhràithrean, na dèanaibh, guidheam oirbh, cho olc; an dèidh don duine seo teachd a dh’ionnsaigh mo thaighe-sa, na dèanaibh an nì gràineil seo.